Produced by dragonhelmuk Coinneach Odhar, AM FIOSAICHE Leis an Urr. D. B. Blair, D. D. nach maireann. SYDNEY, C. B.: "MAC-TALLA" OFFICE 1900 [Ath-Sgrobhadh an leabhar seo do leabhar-d le Lee Ramsay anns an Chitean '09. 'S docha gu bhiel na loidnichean beagan diofraichte, ach tha ireamh na duilleagan ceart gu ler.--'S ann anns na braicaidean no air am mullach a' duilleige a tha iad.] ROIMH-RADH Cha 'n eil ach duin' ainneamh am measg nan Gidheal nach cuala bheag no mhr mu Choinneach Odhar, ach tha ine cho fada o'n bha e ann--mu dha cheud gu leth bliadhna--'s gu bheil eachdraidh a bheatha agus na fiosachdan a rinn e a dol ann an tomhas mor cuimhne. Chuir an sr Ghidheal, Alasdair Mac Coinnich, a mach leabhar beag Beurla mu thimchioll an fhiosaiche ainmeil so anns a bhliadhna 1877,--leabhar a fhuair deagh ainm aig an m, agus a bha air a chur an cl uair no dha an deigh sin. Tha an eachdraidh ghorid a th' anns an leabhran so o pheann an Urr. D. B. Blair, D.D., nach maireann, aon de na sgoilearan Gilig a b' fhearr a bha riamh anns an dthaich so. Bha i air a clo-bhualadh anns a MHAC-TALLA 'sa bhliadhna 1893, 'nuair a bha 'm paipear sin air r-thiseachadh. Thatar ga 'cur a mach anns a chruth so an drsda an dchas gu 'n taitinn i ris na Gidheil aig am bheil grdh do chainnt agus do eachdraidh an sinnsear; agus ma nochdas iad an tlachd de 'n oidheirp le bhi ceannach an leabhrain, gabhar misneach gu leabhraichean Gilig eile a chur a mach o m gu m. {1} Coinneach Odhar, Am Fiosaiche. ------ Anns an m a chaidh seachad b' bhaist do na Gidheil agus do mhuinntir eile a bhi creidsinn gu mor ann an "Taibhsearachd," no an "Da shealladh," mar a theireadh iad. Bho cheann tri fichead bliadhna agus a deich, nuair a bha an sgriobhadair so 'na ghiullan beag, ann am Mideart, ann an Gleann-Alladail, a' fuireach anns an taigh far an do chaidil Prionnsa Tearlach, nuair a bha e air a thurus gu Gleann-Fhionghain, far an do chuir e suas a' bhratach ri crann anns a' bhliadhna 1745, is iomad sgiala agus beulradh a chual' e mu dheibhinn taibhsearachd; oir, bha taibhsearan ann am Mid-eart gl lionmhor aig an m sin. Ann an {2} Lochabar, an deidh dha Mideart fhgail, bu tric a chual e iomradh air Coinneach Odhar, am Fiosaiche,--Taibhsear ainmeil a bha bho shean ann an taobh tuath na h-Alba. Theagamh nach cuala moran de na Gidheil a rugadh anns an dthaich so mu thimchioll; agus air son fiosrachaidh dhaibhsan, faodar beagan aithris an so, a rir a' chnntais a chuir Mr. Alastair Mac Coinnich a mach mu dheibhinn anns an leabhar a sgriobh e uime. Rugadh Coinneach Mac Coinnich, no Coinneach Odhar, ann am Baile-na-Cille, an Sgireachd Uig, an Eilean Leodhais, mu thoiseach na seachdamh linn diag, mu 'n m anns an robh Seumas-a-sia bho Albainn, no Seumas-a-h-aon air Sassun, 'na righ air Breatuinn, agus air Eirinn us Manainn. Cha 'n 'eil a bheag sam bith air chuimhne mu laithean 'ige, ach a mhin nuair a bha e anns na deugan, mu 'n robh e fichead bliadhna dh' aois, gu 'n d' fhuair e Clach na Fiosachd, leis am b'urrainn da innseadh ciod a thachradh san m ri tighinn. Fhuair e a' chlach air an digh so, mar their cuid:--Bha {3} a' mhthair feasgar raid, a reir a' bheulraite, a' buachailleachd a' chruidh air an iridh, air leacuinn aonaich ris an abairteadh Cnoc-Eothail, os cionn cladh Baile-na-Cille, an Uig. Mu mharbh mheadon oidhche chunnaic i a h-uile uaigh sa' chladh a' fosgladh, agus dmhlas mor sluaigh ag eiridh as na h-uaighibh, beag us mor, sean us og, bho 'n naoidhean gus an sean-athair liath, agus a' falbh gach rathad as a' chladh. An ceann uarach de thim thill iad air an ais, agus chaidh iad a staigh do na h-uaighibh a rithist, agus dhin gach uaidh mar a bha i roimhe. Thainig mthair Choinnich am fagus do 'n chladh, agus thug i fainear aon uaigh a bha fosgailte fhathast. A chionn gu 'm bu bhoirionnach dalma, smioral i, chuir i roimpe gum biodh fios aice c'arson a bha an uaigh so fosgailte nuair a dhineadh cch. Ruith i agus chuir i a' Chuigeal tarsuinn air beul na h-uaghaich (oir chual i nach b' urrainn do 'n spiorad dol air ais a steach do 'n uaigh, cho fhad 's a bhiodh a' chuigeal tarsuinn oirre). An ceann beagan ine thainig rbhinn luinn, a' snamh {4} troimh 'n iarmailt bho thuath, a dh' ionnsuidh a' chlaidh. Air teachd dhi thubhairt i ris a' mhnaoi, "Tog do chuigeal bharr m' uaigh, agus leig dhomh dol air m' ais gu m' ros." "Ni mi sin," Arsa an te eile, "ma dh' innseas tu dhomh ciod e a chum thu air dheireadh air cch." Fhreagair an taibhse, "Innsidh mi sin duit gun dil. Bha mo thuras na b' fhaide na turais chich; oir bha agam ri dhol do Lochluinn-a-Tuath (Norway). Is mise nighean Righ Lochluinn; bhthadh mi nuair a bha mi 'gam fhairigeadh san tir sin; thainig mo chorp gu tir air a' chladach so sios fodhainn, agus thiodhlaiceadh mi anns an uaigh so. Mar chuimhneachan ormsa, agus mar dhuais dhuit fhin airson do threun-mhisnich, bheir mi dhuit falachan sonruichte luachmhor,--falbh agus sir, us gheibh thu anns an loch ud thall clach bheag, chruinn, ghorm; thoir i sin do d' mhac, Coinneach, agus leatha innsidh esan nithean a thacras an deidh an m so." Rinn i mar a dh' iarraidh oirre, fhuair i a' chlach, agus thug i seachad i do Choinneach a mac. Cha bu luaithe fhuair e a' {5} chlach na thainig feart na fiosachd uige, agus sgaoileadh a chli mar fhiosaiche air feadh na dthcha. Bhiodh uaislean us islean a' taghal air agus a' tighinn thuige air son fiosachd. Ach tha iomad beulraite eile mu 'n digh anns an d' fhuair Coinneach a' chlach. Tha aon ag radh, gun robh e 'na sheirbhiseach aig tuathanach, agus gun robh diumb aig bean an tuathanaich ris air son a bhriathran beurra, sgeigeil. Air latha snruichte bha e a' gearradh mine leis an torraisgein fada bho 'n tigh, agus b' eigin an dinneir a chur thuige; chur bean an tuathanaich puinnsean anns an dinneir gu cur as da. Ach mu 'n d' thainig an dinneir shuidh e leigeil analach agus thuit e 'na chadal. Dhisgeadh e le cabhaig; oir dh' fhairich e rud fuar air a bhroilleach. Chuir e lmh air, agus fhuair e clach bheag, gheal, agus toll 'na teis-meadhain. Sheall e troimh 'n toll agus chunnaic e sealladh air ais-innleachd na bana-mhaighstir. Thug e an dinneir do 'n ch, agus fhuair an c am bs gu druinneach. Tha beulraite eile ag radh gun robh e a' {6} gearradh mine, agus gun do shuidh e gu anail a leigeil a' feitheamh gus an tigeadh a bhean fin d'a ionnsuidh leis an dinneir. Thuit e 'na chadal, agus nuair a dhisg e dh' fhairich e rud cruaidh f'a cheann; fhuair e an sin clach bheag, chruinn, agus toll troimh a meadhon. Thog e i agus sheall e troimh an toll; chunnaic e a' bhean aige fhin a' tighinn d'a ionnsuidh le dinneir cabhruich agus bainne, air a puinnseanachadh, gun fhios di-se, le a bana-mhaighstir. Ach ged a fhuair Coinneach feart na fiosachd leis a' chloich, chaill e sealladh na sla leis an d' amhairc e troimh an toll, agus bha e riamh tuilleadh cam, no aon-suileach, an deigh sin. Tha Aoidh no Uisdean Muillear ag radh anns an leabhar aige, "Scenes and Legends," gun d' thainig a bhana-mhaighstir d'a ionnsuidh le dinneir phuinnseanaichte; fhuair i e 'na chadal air mullach sithein, agus an aite dhsgadh, chaill i a misneach; dh' fhg i am meadar, no a' mhias, ri a thaobh, agus thill i dhachaidh. Dhisg esan; ach mu 'n do ghabh e an dinneir dh' fhairich e rud cruaidh 'na {7} bhroilleach: chuir e lmh air agus thug e mach clachag chruinn, boidheach, leis an d' fhuair e fios mu 'n droch cleas a rinn a bhana-mhaighstir air. A reir gach rite tha e coltach gun robh a' chlach ann, agus gun robh Coinneach 'ga cleachdadh gu bhi toirt a chreidsinn air an t-sluagh fiosachd a bhi aige. Cha'n 'eil sinne a' creidsinn gun robh feart fiosachd air bith anns a' chloich, ged a dh' fhaodadh i bhi 'na cloich mhn, bhidhich, ghorm-gheil, agus toll innte cuideachd, coltach ri clachan bidheach a chunnaic sinn air cladach I-Challum-Chille, agus Eilean Mhuile. Nuair a fhuair Coinneach clach na fiosachd, sgaoileadh a chli feadh na tire mar fhiosaiche, agus bhiodh feadhainn a' tighinn thuige as gach ite air son fios fhaotainn mu thimchioll na teachd-ine. Mu thimchioll ciad gu leth bliadhna mu 'n do rinneadh an t-slighe-uisge, no an caolas-cladhaichte, eadar Inbhear-Nis agus Inbhear-Lchaidh, (an Caledonian Canal,) thuirt Coinneach, "Ged is ioghnadh leibhse an diugh e, thig an latha, 's cha 'n 'eil {8} e fad as, anns am faicear lraichean Sasunnach ('s e sin longan) air an tarruing le srianan crcaich seachad air cul Tom-na-h-Iuraich." Thuirt e mar an ciadna, "Thig an latha anns am bi rathad mor troimh bheanntan Rois, o mhuir gu muir agus drochaid air gach allt," no "Ribean air gach cnoc agus drochaid air gach alltan." Mar an ciadna, "Thig an latha anns an lion na caoraich mhora an tir, gus am buail iad a' mhuir gu tuath." "Bidh muileann air gach abhuinn, agus taigh geal air gach cnocan." "Bidh criosan guaille tarsuinn air gach sliabh." "Thig bo mhaol odhar a stigh an t-Aite mor, agus leigidh i geum aiste a chuireas na sia beannagan dhe an Taigh-Dhige." Saoilear gur bta-smid a tha e ciallachadh. So fiosachd eile, "Thig an latha anns an cur peirceall nan caorach mora an crann air an fharadh. Nuair bhios na caoirich mhor cho lionmhor us gun cluinnear milich an dara t dhiubh leis an t eile, bho Chonachra, ann an Loch-Aillse, gu Bun-da-Loch, an Ceann-Taile, bidh iad aig an irde 'nam pris, agus an deigh sin theid {9} iad air an ais gus am falbh iad uile as an t-sealladh, agus theid iad air diochuimhne cho mor as nach aithnichear peirceall caorach a gheibhear air carn, no ciod am beathach d' am buineadh e. Falbhaidh na seann Tighearnan as an tir, agus thig ceannaichean Gallda 'nan ite, agus bidh a' hidhealtachd uile gu lir 'na h-aon fhrith mhor fhiadh. Bhidh an dthaich cho gann de shluagh, agus cho fs, as nach cluinnear gairm coilich gu tuath air Druim Uachdair. Theid an sluagh air imrich gu eileanaibh cian, nach fhaicear an diugh, ach a gheibhear a mach anns a' Chuan Mhor. An deigh sin sgriosar agus bathar na fidh, agus na fiadh bheistean eile leis na siantan dubha. Thig an sluagh an sin air an ais agus gabhaid iad seilbh air fearann an sinnsearach." Fiosachd eile, "Theid na Gidheil gu America, ach thig iad air an ais fhathast gus an tir fhin." Mu thimchioll Mhic Leid Rathasaidh so fiosachd, "Nuair a thig Mac Dhomhnuill Duibh ban, Mac Shimidh ceann-dearg, Siosalach claon ruadh, Mac Coinnich mor bodhar, agus Mac Gille-Challum cam-chasach, {10} iad ogha Iain bhig a Ruigeath, se sin am Mac Gille-Challum a's miosa thainig na thig; cha bhi mi ann ri a linn, 's cha 'n fhear leam air a bhith." Thachair an ni so; oir b'e am Mac Gille-Challum so, iar-ogha Iain bhig a Ruigeath, agus bha e cho strudheasach us gun do chaith e oighreachd a shinnsirean; agus bha na Tigh-earnan eile chaidh ainmeachadh, 'nan comhaoisean do Mhac Gille-Challum so, leis na comharan orra a dh' innis am fiosaiche. So fiosachd eile, "Nuair a thraoghas abhainn na Manachinn tri uairean, agus a ghlacar Bradan Sligeach air grunnd na h-aibhne, is ann an sin a bhitheas an diachainn ghoirt." Thiormaich abhainn na Manachainn cheana da uair,--an uair mu dheireadh air a' bhliadhna 1826, nuair a bha tiormachd mhor ann; chaidh a' choile 'na teine ann am Miramichi, agus loisgeadh moran thaighean ann mar an ciadna; agus bho cheann sia bliadhna diag ghlacadh 'Bradan Sligeach,' no Stirean no Stiorrach (Sturgeon) ann an grunnd na h-aibhne. "Fsaidh an sluagh cho {11} tais us gun teich iad as an dthaich roimh armailt chaorach." Chuireadh an tir fo chaoirich, agus dh' fhalbh an sluagh. Rinn Coinneach fiosachd chomharraichte mu thimchioll Clann Choinnich an Uillt-Bhoidhich (Fairburn), agus Caisteal no Tur an Uillt-Bhoidhich (Fairburn Tower). "Thig an latha anns an caill Clann Choinnich an Uillt-Bhoidhich am fearann uile, agus theid am meur sin de 'n fhine as an t-sealladh gus nach fgar duine dhiubh air aghaidh na talmhainn. Bidh an caisteal fs, air a threigsinn, gun duine 'ga aiteachadh no gabhail comhnuidh ann; agus beiridh bo laogh ann an seomar uachdrach an Tir." Thachair na nithean so uile do reir na fiosachd. Chaill an teaghlach sin de Chloinn Choinnich an seilbhean gu h-iomlan; agus rug a bh an laogh mar a dh' innseadh, san t-seomar uachdrach. Bho cheann beagan bhliadhnachan chaidh an Tr fhagail na fhsaich; ghrod na dorsan agus thuit iad dheth, fear an deigh fir, gus mu dheireadh nach robh dorus idir air an staidhir mhoir shniomhain a bha ruigsinn bho 'n bhonn gu mhullach. {12} Bha 'n staidhir so de chlioch agus mar sin seasmhach, maireannach. Bho cheann beagan ine thaisg an tuathanach aig an robh a' gabhail fodar ann an semar uachdrach an Tir. Thuit pirt de 'n fhodar air an staidhir mar a bha iad 'ga ghilan an ird. Thainig te de 'n chrodh air latha raid a dh' ionnsuidh dorus an Tir, agus air do 'n dorus a bhi fosgailte, chaidh i staigh agus thisich i air trusadh agus itheadh nan sraibhlean a bha sgapte thall 's a bhos air an staidhir. Lean i mar so a' dol air a h-adhart bho cheum gu ceum de 'n staidhir gus an d' rainig i am mullach,--chaidh i staigh do 'n t-semar ag itheadh nan sraibhlean roimpe, agus air dhi bhi trom le laogh cha b' urrainn i tearnadh air a h-ais; uime sin dh' fhg iad i anns an t-semar gus an do rub i an laogh, a bha 'na chreutar fallain, bidheach. Dh'fhg iad a' bho agus an laogh car ine shnruichte anns an t-semar agus chaidh iomadh neach a mach Inbhirnis gus am faicinn. Mar so bha faisneachd Choinnich air a coilionadh gus an dearbh litir. {13} Thuirt Coinneach "Beirear nighean mhaol dubh air cl Eaglais Ghearrloch." Thachair so; aig cruinneachadh sluaigh, saothair-chloinne gu h-obann air mnaoi ig, a bha anns an isdeachd aig cl na h-Eaglais, agus mum b' urrainn dhaibh a gilan air falbh as an ite, rug i an "nighean mhaol dhubh." Tha sliochd na h-ighinn maoile dhuibhe so ri fhaicinn, agus ri fhaotainn, gus an latha an diugh ann an Gearrloch; agus mar so tha fiosachd Choinnich air teachd gu crich. Rinn Coinneach fiosachd mu Mhac Leid Dhun-bheagain: "Nuair a gheibh Tormaid nan Tri Tormaid, mac na mnatha caoile cruaidhe Sasunnaich, bs le sgiorradh; nuair a reicear Maighdeannan Mhic Leid ri fear de na Caimbeulaich; nuair a bheireas galla-shionnaich cuain chuilean ann an aon de bhinneanaibh a' chaisteil; agus nuair a bheirear air lom a Bhratach Shith an uair mu dheireadh, sibhlaidh greadhnachas Mhic Leid air falbh; reicear a' mhor chuid de 'n oighreachd ri coigrich; bidh am fine cho tearc us gun gilain {14} 'curach beag' thairis air Loch Dhunbheagain na bhios ann de dh' uaislibh de'n chinneadh. Ach ine mhor, fhada an deigh sin thig 'Iain Breac' eile, agus aisigidh e an oighreachd, agus bidh cli an taighe na 's irde na bha e riamh." Thachair cuid de'n fhiosachd so. Mharbhadh Tormaid nan Tri Tormaid, nuair a shideadh suas le fdar an long-chogaidh an Queen Charlotte, air an robh e 'na oifeach. Reiceadh na creagan d' am b' ainm "Na Maighdeannan" ri Aonghas Caimbeul, agus tha iad fhathast aig ogha dha mar sheilibh. Bha peata sionnaich aig Caiptean Mac Gilleain, a bha fuireach ann am mullach a' Chaisteil, agus rug i cuain chuilean; agus chunnaic agus laimhsich Dr. Mach Leid, Tormaid mor Gaidhealach an Teachdaire, na cuileanan, air a bhliadhna 1799, air dha bhi ann an Caisteal Dhunn-bheagain, 'san Eilean Sgiathanach. Chunnaic e mar an ciadna aig an m sin "Bratach Shith" Mhic Leid 'ga toirt air lom as a' chist iaruinn san robh i an tasgadh, air a dnadh suas ann am bocsa fiodha chbhraidh, deagh-bholtrach. Bha {15} 'bhratach na mir ceithir-chearnach de shioda luachmhor air fhigheadh le croisean tarsuinn de shnthuinnibh ir. Tha chuid eile de 'n fhisneachd ri tighinn, ma thig i idir. Bheir sinn fainear a nis mar a thainig crioch a bheatha air Coinneach Odhar. Ri linn Righ Tearlach II., an deidh dha bhi air aiseag a chum a' chrin agus na righ-chathrach, chaidh Iarla Shi-phort, Coinneach, an treas Iarla, air teachdaireachd gu Paris, baile mor na Frainge, agus dh' fhg e a' Bhan-Iarla aig an taigh ann an Caisteal Bhrathainn. Dh' fhuraich an t-Iarla ine fhada ann am Paris, agus thisich a' Bhan-Iarla air gabhail fadail agus iogh-naidh nach robh e a' tighinn dachaidh. Ma dheireadh thall chaill i a foighidinn agus chuir i fios air Coinneach Odhar gus an innseadh e rud-eigin di mu thimchioll an Iarla. Thainig Coinneach a dh'ionnsuidh Caisteal Bhrathainn, agus dh'fhoighneachd a'Bhan-Iarla dheth am b'urrainn da innseadh cia dhiubh a bha an t-Iarla be no marbh. Chuir Coinneach Clach na Fiosachd ri shil, agus le rd ghireachdaich {16} labharr, thuirt e ris a' Bhan Iarla, "Na biodh eagal sam bith ort mu thimchioll an Iarla' tha e sln, fallain, tearuinte, cridheil, mireagach, snndach." Dh' fheraich a' Bhan-Iarla an sin ciod a bha e deanamh agus co bha timchioll air. Thubhairt Coinneach rithe,--"Gu ma ler" leat na chaidh innseadh; na farraidh ceist air bith; bi toilichte le fios gum bheil am morair sln agus snndach." "Ach," ars' ise, "cait am bheil e? Co leis a tha e? agus am bheil e deanamh deisealachd air son tighinn dachaidh?" Thubhairt am fiosaiche, "Tha am morair ann an semar mor greadhnach, ann am measg cuideadhd grinn, agus ri aighear 'us mire, ionnus nach 'eil guth aige air baile mor na Frainge fhagail aig an m so." Ach cha bu ler am freagradh so leis a' Bhan-Iarla; chuir i thuige Coinneach gus an innseadh e an t-iomlan mu thimchioll a fir. Ghuidh i le griosadan, thairg i duaisean, agus mhaoidh i air le bagraidh, gus an innseadh e na b'aithne dha. Air do Choinneach e fhin a chaisleachadh agus a chloimhdeachadh, thubhairt e rithe, "Bho 'n is ill leat {17} fios fhaotainn air na dh' fhagas mi thoilichte thu, is eiginn domh an fhirinn innseadh dhuit. Is beag smuain a tha aig Morair Mac Coinnich ort fhin, no air a chlainn, no air a dhachaidh anns a' Ghidhealtachd. Chunnaic mis' e ann an semar raichte, air a chmhdach le bhelbheid, sioda agus aodach ir; bha e air a ghlinean air beulaobh ribhinn mhaisich, a lmh timchioll air a cneas, agus a lmh-se air a bhilean." Nuair a chual' a Bhan-Iarla so las i le feirg, agus dh' at i suas le h-rdan. An fhearg a bha ndurra gu leor an aghaidh an Iarla, thionndaidh i gu h-eucorach an aghaidh an fhiosaiche. Ghabh i oirre nach robh i creidsinn na fiosachd, agus chuir i roimpe am fiosaiche a chur gu bs. Thubhairt i ri Coinneach "Labhair thu toibheum mu rd-inbhe, mhaslaich thu maithean na tire, thug thu tmailt do cheann-feadhna mor an lthair a chinnidh. Thug thu tir dhmhsa agus do'n chaisteal, agus labhair thu gu sgainnealach mu 'n mhorair ann an lchairt mhoir a shinnsear; air an aobhar sin, is eigin domhsa do chur gu bs." Ghabh {18} Coinneach iongantas agus uamhas nuair a chual' e na briathran a labhair a Bhan-Iarla, a bha na bain-diabhul cruaidh-chridheach, an-iochdmhor, gun trcair. Shaoil leis an fhiosaiche gur h-ann a gheibheadh e duais air son 'fhiosachd, ach b'e an duais a fhuair e am bs. Dh' rduich am boirionnach mallaichte a thoirt a mach gu bhi air a losgadh ann am baraille tearra aig a' Chananaich, le rdugh Easbuig Rois, dhe 'n Eaglais Easbuighich Albannaich. Tha beulraite eile a' tabhairt cunntais eadar-dhealaichte mu aobhar feirge na Ban-Iarla ri Coinneach Odhar. Aig m raid, a reir an iomraidh, bha cuirm mhr agus cruinneachadh lionmhor a dh' uaislean ann an caisteal Bhrathainn. Bha igridh nan rd uaislean 'gan cluich fhin air a' bhlr a muigh, air an ilean ghorm, timchioll a'chaisteil Thubhairt cuideigin ann an isdeachd Choinnich, gum b' ainneamh a chiteadh tional cho lionmhor de chlainn dhaoine uaisle. Fhreagair Coinneach gu sgallaiseach, "Is mo a th' ann de chlainn ghillean-bird, agus de {19} chlainn ghillean-stpuill, na th' ann de chlainn dhaoin' uaisle." Tha beulraite eile ag radh, gur h-ann a bha an igridh a' dannsadh ann an lchairt mhoir a' chaisteil an ite bhi 'gan cluich air an ilean, nuair a labhair Coinneach gu fanaideach umpa. Dh'aithriseadh briathran Choinnnich do 'n Bhan-Iarla, agus ghabh i fhin 's na baintighearnan eile fearg ris, air son a bhi cur an amharus deagh-bheusan agus teistealachd mhnathan uaisle Rois, agus a' toirt mi-chli follaiseach orra mar sud. Dh' rduich i am fiosaiche a ghlacadh gun dil; agus ged a theich e gu fhalach fin car tamuill, fhuaradh a mach mu dheireadh far an robh e. Nuair a chunnaic e nach robh dol as aige bho a naimhdidh, chuir e clach na fiosachd ri shil agus thubhairt e, "Chi mi fada romham, agus is leur dhomh am breitheanas a thig air sliochd mo luchd-srachaidh. Bidh seann teaghlach Iarla Shi-phort air an ditheachadh gu tur, mun teid moran linnean seachad. Chi mi ceann-feadhna, am fear mu dheireadh d'a theaghlach, araon bodhar agus balbh. Bidh ceathrar mhac luinn aige, {20} ach theid iad uile roimhe fhin do'n uaigh. Caithidh e a bheatha gu h-iomaguineach, agus gheibh e am bs gu brnach, a' caoidh gum bi sliochd a shinnsear air an dubhadh a mach gu brth, agus nach bi Mac Coinnich tuilleadh ri fhaotainn 'na Thighearna air Caisteal Bhrathainn, no air Ceann-Tile. An deigh dha brn a dheanamh air son an fhir mu dheireadh d'a chuid mac, am fear bu taitniche dhiubh, siubhlaidh e fhin, a' dol do 'n eug, agus bidh an oighreachd aige air a' sealbhachadh le caileag air am bi currachd bn, a thig bho 'n irde 'n ear, d' am bi e 'n dn a piuthar a mharbhadh. Mar chomharra gun tachair so, bidh ceathrar thighearnan air am bi suaicheantas 'nan comh-aoisean do Iarla Shi-phort mu dheireadh, a bhios bodhar, agus balbh; se sin Tighearna Storach (Stor fhiaclach) Ghearrloch, an Siosalach le milleadh-maighich, an Granndach Gorach, agus Mac-Gille-Chalum Gagach no manndach. Nuair a chi Mac Coinnich Bhrathainn a cheathrar so, tuigear leis gum bheil am bs an dn d'a chuid mac; gun teid an oighreachd gu coigrich {21} agus gun dubhar as a theaghlach gu siorruidh, gun fhirionnach d'a shliochd a thogas 'ainm." Nuair a chriochnaich am fiosaiche an fhaisneachd so, thilg e clach na fiosachd ann an lochan uisge, no mar a their cuid, ann an lorg coise mairt a bha ln uisge, agus thubhairt e, "Co sam bith a gheibh a' chlach sin, bidh feart na fiosachd aige mar an ciadna." Thubhairt e a bharr air sin, mar tha cuid ag radh, "Beirear leanabh le da imleig, no le ceithir meir fhichead a reir cuid, gheibh e a' chlach so ann am broinn geadais, agus leis a' chloich thig buaidh na fiosachd thuige." Nuair a thugadh a mach Coinneach gus a losgadh, thuit a' Bhan Iarla ris nach rachadh e do Fhlaitheanas gu siorruidh. Thionndaidh e mun cuairt agus thubhairt e rithe, "Theid mise do Fhlaitheanas; ach cha teid thusa ann gu siorruidh. So dhuit comharradh leis am faigh thu fios ciod e mo chor san t-saoghal ri teachd. Thig caluman agus fitheach an coinneamh a cheile bho dha thaobh an athair, gus an seas iad os ceann agus an laidh iad air {22} luaithre mo chuirp. Ma thig am fitheach an toiseach labhair thusa an fhirinn, ach ma thig an caluman an toiseach labhair thu breugan, agus tha mo dhochas air deagh bhunait." Dh' rduich a' Bhan-Iarla Coinneach a ghlacadh, 's a cheangal, eadar lamhan 'us chasan, agus a ghiulan gu Rugha na Cananaich, far an do thilgeadh e an coinneamh a chinn ann am baraille tearra bha dearg-losgadh, agus air an robh a thaobh a stigh lan spicean fada iaruinn, biorach, geur, a bhuaileadh troimhe bho 'n taobh muigh. Rinneadh an ni eagallach so le ghdarras Easbuig Rois, agus clir na h-Eaglais Easbuigich, a bha air a suidheachadh aig an m ud, mar Eaglais na Rioghachd an Albainn, le Righ Tearlach a Dha. Air an dearbh latha air an do chuireadh Coinneach air falbh bho Chaisteal Bhrathainn thainig Iarla Shi-phort dhachaidh as an Fhraing, agus dh' innis iad da air ball an ni a rinn a' Bhan-Mhorair mu Choinneach, agus gun robh e nis air a thurus a dh' ionnsuidh na Cananaich le rdugh na Clire, gu bhi air a losgadh.{23} Bha deagh fhios aig a' Mhorair air ndur dioghaltach, ain-iochdmhor na Ban-Iarla. Chreid e gun robh an sgeula fior, seadh tuilleadh us fior. Cha d' iarr 's cha do ghabh e biadh no deoch; cha do ghairm e air sgalaig no gille stapuill, ach chaidh e fhein le cabhaig a dh' ionnsuidh an stapuill, chuir e diollaid air an each a b' fhearr a bha 'na ghreigh, leum e air a mhuin, agus dh' fhalbh e leis an each 'na dheann-ruith, 'g a ghreasad cho luath 's a b' urrainn da, an dil gun ruigeadh e Rugha na Cananaich mun rachadh an t-innleachd diabhlaidh a dheilbh a Bhan-Iarla agus a' chlir Easbuigeach a chur gu buil; cha do mharcaich Iarla Shi-phort riamh roimhe cho luath no cho dian. Ann am beagan ine bha e am fagus do 'n Chananaich, agus chunnaic e smid dhubh thiugh ag irigh suas bho 'n Rugha gu h-iosal. Thainig gairisinn na fheil, bhrchd am fallus fuar a mach troimh a chorp, chuir e spuir ris an each a bha cheana an impis toirt thairis, a chum gun ruigeadh e an t-ite bis, gu beatha an fhiosaiche a shbhaladh. Mar uighe beagan shlat bho 'n {24} ite far an robh an smid ag irigh, thuit an t-each air an lr agus thug e suas a de, oir cha b' urrainn da a' chruaidh-spirn a sheasamh na b'fhaide leis mar a bha an t-Iarla 'ga chur thuige 's ga sporadh air adhart. Nuair a chaill e an t-each, ruith an t-Iarla gu dian air a' chois, ag eigheach a mach le irde a ghuth, ris an t-sluagh a bha cruinn air an Rugha, iad a thearnadh beatha an fhiosaiche. Ach mo thruaighe! bha e tuilleadh us anmoch. Cia dhiu a chuala no nach cuala an sluagh glaodhaich rd an Iarla, bha Coinneach Odhar air a thilgeadh anns a' bharaille loisgeach beagan mhoinaidean mun do rainig Iarla Shi-phort an t-ite gus a theasairginn. Air an doigh so chriochnaicheadh beatha an fhiosaiche, agus cha 'n 'eil e coltach gun rachadh an sgeula ud a dheilbh mu 'bhs mur tachradh an ni mar a chaidh aithris. Nan d' fhuair Coinneach bs ndurra 'na leabaidh, cha ghabh e creidsinn gun rachadh an sgeula truagh ud a dheilbh no chur air chois. Ach ciod a their sinn mu luchd-dreuchd Eaglais a {25} thug gnis da leithid sud de ghniomh oillteil, agus a dh' aontaich ris? Bha iad air son a' Bhan-Iarla a thoileachadh gu cinnteach, ach anns na linnibh dorcha sin bha e 'na chleachdadh a bhi losgadh nam buitseach agus nam fiosaichean, agus is iomadh creutair truagh a chuireadh gu bas fo 'n chis-dhitidh so, aig nach robh tuilleadh buitseachd na tha aig an lair-ghlais, Bheir sinn cnntas a nise mar a thainig faisneachd Choinnich Uidhir gu teachd mu thimchioll teaghlaich Iarla Shi-phort, faisg air ciad gu leth bliadhna an deigh bhi air a labhairt. Chunnaic sinn mar a thachair do'n fhiosaiche. Rachamaid a nise agus faiceamaid ciod a thainig gu buil de 'n fhiosachd mu dheibhinn Mhic Coinnich Bhrathainn. Fhuair an t-Iarla a bha ann ri linn Choinnich am bas air a' bhliadhna 1678; fhuair a mhac, an ceathramh Iarla, am bas; chaill an coigeamh Iarla, mac an fhir so, an oighreachd agus an tiodal chionn gun d' irich e ann an aobhar Sheumais air a' bhliadhna 1715. Ach dh' aisigeadh an oighreachd dha air a' bhliadhna 1726, agus {26} air a' bhliadhna 1771 fhuair a mhac an tiodal Iarla Shi-phort. Gidheadh bhsaich an tiodal leis fhin air a' bhliadna 1781. Nuair a bhsaich e cha robh oighre aige, ach fhuair ogha brthar a shean-athar an oighreachd, a mheal e re dha bhliadhna, oir chaidh a mharbhadh 's na h-Innseachaibh an Ear air a' bhliadhna 1783. Thainig a bhrthair na 'ite, am Mac Coinnich mu dheireadh a bha ann am Brathainn, anns an do choilionadh faisneachd an fhiosaiche. Rugadh Fraing Mac Coinnich so air a' bhliadhna 1764. Bha uile bhuadhan agus cheud-faithean a chuirp agus 'inntinn aige gun deireas nuair a rugadh e, ach chaill e a chlaistneachd agus dh' fhas e bodhar leis an Teasaich Scarlaid nuair a bha e 'na ghiullan g a' dol do 'n sgoil sia bliadhna deug a dh'aois. Nuair a dh' fhs e mor agus a fhuair e oighreachdan Bhrathainn an deidh bis a bhrthar, chuir e reiseamaid air a cois a chogadh ri Bonapart, air a' bhliadhna 1807, agus fhuair e bhi na Sheanalair air a' bhliadhna 1808. Bha ceathrar mhac aige, ach fhuair fear dhiubh bs na {27} ige. Dh' fhs an triuir eile gu bhi nan daoinibh, ach fhuair iad bs fear an deigh fir, gus nach d'fhgadh a h-aon diubh be. Bha am fear mu dheireadh 'na ganach maiseach, gealltanach, aig an robh buadhan inntinn taitneach, ach bhuail eucail throm e, agus chaidh e gu taobh deas Shasuinn air son a shlinte, far an d' fhuair e bs. Nuair a fhuair seann Mhac Coinnich sgeula bis a' mhic cha do labhair e riabh tuilleadh agus dh' fhs e balbh, oir cha labhradh e facal, cia dhiubh a bha e neo-chomasach no mi-thoileach air bruidhinn. Fhuair e am bs air an aonamh latha deug de Ianuaraidh, 1813, am fear mu dheireadh de a theaghlach.* Thainig an nighean bu shine dhiubhsan a bha be an ite a h-athar gu seilbh air oighreachd Bhrathainn. Bha i psda ris an Ard-mharaiche, Sir Samuel Hood, ceann-feadhna cahbhlaich Bhreatuinn anns na h-Innseachaibh an Iar 's an Ear; ach fhuair e am bs san airde 'n Ear 'na dhuine g; agus mar sin bha a bhean 'na {28} bantraich oig nuair a dh' eug a h-athair. Agus, thainig i dhachaidh as na h-Innseachan le Currachd Ban na bantraich air a ceann, agus b'e Hood a b'ainm dhi. An deigh sin phs i Mr. Stibhart, ogha do Iarla Ghalloway, agus ghabh esan ainm Mhic Coinnich an co-thaice ri anim fein; agus mar sin theirteadh Stiubhart Mac Coinnich ris. Air an digh so chaidh oighreachd Bhrathainn thairis bho shliochd nam firionnach ann an seann teaghlach Chinn-Tile. An deigh sin reic Mr. agus Mrs. Stibhart Mac Coinnich eilean Ledhais ri Sir Seumas Mathanaich. Air latha raid bha Mrs. Stibhart Nic Coinnich ann an carbad sealltaidh no carbad ponaidh. Ghabh na sealltaidhean eagal agus ruith iad air falbh nan still, 's nan deannaibh. Cha b' urrainn a Bhain-tighearna an casg, agus thilgeadh i fhin agus a piuthar a mach as a' charbad. Chaidh an cirradh agus am bruthadh gu goirt: ach leighiseadh a' bhaintighearn ann an ceann beagan ine, gidheadh fhuair a piuthar a b' ige am bs leis an dochann a rinneadh oirre. Mar so thainig fisneachd Choinnich gu {29} crich, agus dh'aobharaich Baintighearna Bhrathainn bs a peathar, ged nach robh coire aice ris. Bha na ceithir tighearnan eile 'nan comh-aoisibh do Mhac Coinnich, Sir Eachann Ghearrloch, an tighearna storach, an Siosalach, air an robh milleadh maighich, tighearna Ghrannda bha 'na amadan, agus Mac-Gille-Challuim gagach. Tha sinn a nise toirt na h-eachdraidh ghoirid so gu crich. Chaidh, gun teagamh sam bith, moran de dh' fhiosachdan Choinnich a choilionadh gu litireil, agus tha daoine ann a tha dhe 'n bharail gu 'm bi tuilleadh dhiubh air an coilionadh fhatast, Biodh sin mar a bhitheas, theid iomadh bliadhna 's linn seachad mu 'n sguirear a bhi 'g aithris, am measg nan Gidheal, gach fiosachd iongantach a rinn e, am bs uamhasach a dh' fhuiling e, agus mar a thainig an caluman 's a laidh e air a luaithre--an ni a thubhairt Coinneach fhin a bha gu tachairt, mar chomharradh air gu robh 'anam air a ghilan gu Flaitheanas. A'CHRIOCH (duilleag 27) * Tha Sir Walter Scott ag radh, "Cha ghabh fironnach faotainn air strath no air aird, Thogas suas ainm Mhic Coinnich, ceann-cinnidh Chinn-Tail." End of the Project Gutenberg EBook of Coinneach Odhar, by D. B. Blair License: Share Alike