Produced by David T. Jones, James Wright, Michael Bauer of Gaelic translation services www.akerbeltz.com, Ross Cooling and the Online Distributed Proofreading Canada Team at http://www.pgdpcanada.net GEARR-SGEOIL AIR SIR SEORAS UILLEAM ROS AGUS AIR MAR A THUINICH NA GAIDHEIL ANN AN CANADA UACHDRACH LEIS AN OLLAMH ALASDAIR FRISEAL TORONTO, 1915 FACAL TOISEACHAIDH Is toigh le sluagh la-an-diugh a bhith leughadh eachdraidh-beatha dhaoine ainmeil: tha e iomchuidh gu'm bitheadh na Gaidheil cuimhneachail air dilanaich an cinnidh fein, agus tha e 'na aobhar brin cho beag 's a chaidh chur a'n cl mu Ghaidheil iomraiteach Chanada, am measg an robh daoine cliiteach a choisinn moladh an co-dhuthchaich. Bho thoiseach iteachaidh Chanada bha na Gaidheil am follais. Bha iad ann an armailt Wolfe aig Louisburg agus aig Quebec far an do thionndaidh iad an latha. An deidh na sthe fhuair iad obair eile ri dheanamh. Thog iad fearann, chaidh iad a stigh gu doimhneachd na coille a bhuinnig dhachaidhean dhaibh fein. Shoirbhich leo is dh'fhs iad lionmhor: anns gach gairm is gniomh bha iad deas; lesan shocraicheadh seol-riaghlaidh agus mran de laghanan bunabhasach na tre. Bhitheadh e chum toil-inntinn an gineil--dh'fhaoidte chum an leas--na 'm bitheadh iomradh orra air a ghleidheadh leinne. 'S i 'n smuain so a mhin ceann-fth an sgeoil ghoirid so mu Ghaidheal Chanadach nach d'rinn dearmad riamh air Tr nam Beann. SIR SEORAS ROS I. San t-seann aimsir b'abhaist do na Gaidheil caoidh mr a dhanamh mu bhs ceann-cinnidh, no neach eile air an robh mr spis. B' e dleasanas a' phiobaire an coronach a thogail ri toirm na pioba; dleasanas a' bhird cli an laoich a chur air fonn nan dn. B' i so an duais a b' irde ris an robh dil aig na flaithean Gaidhealach 's an t-saoghal so, maraon duais nam marbh agus misneachadh nam beo; oir cha robh rd no iosal gun deidh air deagh bheachd a ghinealaich fein, agus air ite urramach fhaotainn ann an eachdraidh bhuan a dhuthcha. Tha brdachd Oisein luchdaichte le trom thrsa airson nam marbh gaisgeil a chuir deagh chomhraig 's a thuit 's a bhlr:-- 'Charuill, tog do ghuth gu h-rd Air gach linn a bh' ann nach be; Caithear oidhche ann am mn dhn; Faighear girdeachas 's a' bhrn. 'S iomadh saoi is igh 'bu chaoin 'Ghluais o ths a'n Innis-fil. Is taitneach din air na laoich O thaobh Alba nam fuaim rd. 'N uair a dh' aomas farum na seilg Fo ghuth Oisein nan caomh-rann, 'S a fhreagras aonach an deirg Sruth Chna nan toirm mall. --FIONN. D. I. 565 Agus, a rithis, mar tha e ag imeachd le ceum stideil na h-aoise:-- A ghutha Chna, 's irde fuaim, A bhrda tha luaidh mu aois, Do'n eirich air 'ur n-anam suas, Feachdan mr' nan gorm chruaidh laoch. 'S taitneach leam aoibhneas a' bhrin, Fo 'n lb geug dharaig nan trr, 'S an duileach g ag eirigh maoth, Togaibh-se, mo bhird, am fonn. Cha 'n fheil carrachan-cuimhne a's bragha no a's maireannaiche na iadsan a dheilbheadh leis na bird mhra,--Alasdair Mac-Mhaighstir Alasdair, Dunncha Bn Mac-an-t-saoir, Iain Lom, Iain MacCodrum, agus Iain Moireastan, Gobha na Hearradh, mar air Domhnullach na Tiseachd:-- Bha do phearsa 's do ghluasad, Co tlachdmhor, ne-thuairgneach, is tlth, Chor 's gur tearc iad thug fuath dhuit, Ged bu lionmhor bha fuaidht' riut a'n grdh; Aig na h-slean 's na h-uaislean, Bha spis dhuit, ged b' uaibhreach dhiubh pirt, Ni dh' fhag t-iomradh g' a luaidh ac', Mar sgeul brin o'n l chual iad do bhs. II. Cha 'n fheil e 'n am chomas cli Shir Seorais Rois a chur an cill air an doigh so, ann an duan no ran, ach, mar sheanachaidh feuchaidh mi ri clach a chur 'n a chrn. B' e athair, Seumas Ros, a mhuinntir Inbhir-feotharain, a'n Siorramachd Rois. Mar a dh'fhs e suas chaidh e gu sgre Eadardain, air taobh an ear-thuath de'n t-siorramachd. Bha e 'n a bhall measail de chomhthional Mhr. Chamshroin, agus tha ainm fathasd air chuimhne am measg nan seann daoine. Agus b'i mhthair Eilidh Nic-Fhionnghain, a bhuineadh do theaghlach a chaidh o Inbhirnis gu taobh tuath fadhlach Chrombaigh, a 'n Siorramachd Rois. Bha deagh chli oirre 's a' choimhearsnachd, agus mar a fear-posda fhuair i mr spis bho cirdean 's an t-seann dthaich. Bha chraid so de fhuil ghlan Ghaidhealach fad iomadh ginealach; bha iad ni b'eolaiche air an teangaidh Ghaidhlig na bha iad air a' bheurla Shasunnach, agus b' abhaist do Shir Seoras, am mac, uaill a dheanamh gu'n d'fhuair e cnain agus smior a shinnseara gun smal gun ghiamh orra. Mar a rinn mran Ghaidheal eile 's an am, thriall Seumas Ros agus a bhean gu Canada, "tir a' gheallaidh" an la ud mar an diugh. Ach tha atharrachadh mr eadar suidheachadh Chanada an diugh, 's an d. Tha e furasda do'n eilthireach a shlighe a dheanamh an diugh gu Canada an coimeas ris an turus cheudna a ghabh Seumas Ros mu thri fichead bliadhna 's a dha dheug roimhe so. An diugh foghnaidh da sheachdain air muir, is aon seachdain air tr ge b'e cho fada 's a tha aig neach ri dhol. An sin ghabhadh e s no seachd seachdain air cuan agus seachdain no'n crr air loch is abhainn, a bharrachd air an ine thar ridean garbh-thollach tulganach, neo-shocaireach tre'n fhsach, air am bitheadh e fein, a theaghlach, 's a chuid de'n t-saoghal air an tarruing air slaod-dhaimh gun dad a chabhaig. Thog an Rosach fearann ann am Middlesex aig Naruinn, ite a bha air ainmeachadh air Inbhir-Naruinn anns a' Ghaidhealtachd. Thuinich comhlan math de mhuinntir Rois 's an aite so, daoine sghail, cir, coguiseach, nach d'fhg as an deidh air taobh thall a chuain, crbhachd an athraichean. Anns an tr so chum iad "gu daingean samhladh firinneach nam briathran fallain a chuala" iad 'n an oige, agus cho luath 's a b'urrainn daibh thog iad, ann am frthean domhail Ontario, Bteil dhaibh fein, anns an robh teagasgan mra a' Bhiobuill air an cuir an cill gu soilleir, soisgeullach, a rir bheachd "Athraichean Rois," mar ann an leabhar an Doctair Cheannaidich, Urramaich, nach maireann. Bha ministearan tearc, oir bha 'n sluagh sgapta 'n am badanan beaga thall 'sa bhos thar mr astar, ach bha na daoine, mar a b' fhearr a b' urrainn daibh, "a' cumail am mach facail na beatha"; bha frasan o'n irde ag rachadh an fhuinn, agus a'n deagh m thainig toradh trom am mach. Ach cha d' fhg na daoine so an cruaidh-fhortan 's am bochdainn 'n an deidh 's a' Ghaidhealtachd. Bha eiginn agus uireasbhuidh a' feitheamh orra a' n so, agus b' iomadh strith a bh' aca ri dheanamh a chumail an cinn os cionn na h-an-shocair. Dh'fhg iad fearann cumhang, sluaghmhor; thainig iad gu fearann farsuing, beag-shluaghach. 'S an t-sean aite bha 'n daimhich 's an cirdean fein aca. Ged bhitheadh an ln air uairibh gann, gaoth an ear-thuath air uairibh greannach, cruaidh, bha'm frdach blth le bidh do chach a cheile. 'S an tir r bha ln ri chosnadh le neart ghairdein agus spionnadh cridhe a thug cruaidh-dheuchainn air an neach a b'fhearr dhiubh. Cha d' thainig iad o an-shocair gu socair, ach gu duthaich, gealltanach mar bha i, a bha doirbh ri h-iteachadh. 'S lionmhor rann a chaidh dheanamh mu chor nan Gaidheal a bha'm measg ceud luchd-iteachaidh Chanada. Tha na rannan a leanas o'n bhrd Mac-Gillean, Mherigomish, 'dol direach gu cridhe na cise, 'n a dhoigh gheur-bhriathrach fein. Ged rinneadh iad air Nova Scotia tha iad fior mu sheann Ontario, mar an ceudna:-- 'S i so an dthaich 's a bheil an cruadal Gun fhios do'n t-sluagh a tha tigh'nn a nall, Gur h-olc a fhuaras oirnn luchd a' bhuairidh A rinn le'n tuairisgeul ar toirt ann. Ma ni iad buannachd cha mhair i buan dhaibh, Cha dean i suas iad 's cha'n ioghnadh leam, 'S gach mallachd truaghain a bhios'g an ruagadh Bho'n chaidh am fuadach a chur fo'n ceann. * * * * * 'N uair thig an geamhradh is m na dbhlachd Bidh sneachda 'dlthadh ri cl nan geug, 'S gu domhain dmhail dol thar na gline, 'S ge maith an tribhsair cha dean i feum, Gun stocain dhbailt' 's a' mhocais chldaich 'Bhith's air a dnadh gu dlth le ill; B'e 'm fasan r dhuinn a cosg le fionntach Mar chaidh a rsgadh de'n bhrid an d. Mar bi mi elach airson mo chmhdaich Gu'm faigh mi reta mo shrn 's mo bheul; Le gaoth a tuath a bhith's neamhail fuaraidh Gu'm bi mo chluasan an cunnart geur. Tha'n reothadh fuath'sach, cha seas an taugh ris, Gu'm mill e chruaidh ged a bha i geur; Mur toir mi blths d'i, gu'm brist an stailinn, 'S gun dol do'n cheardaich cha ghearr i beum. 'N uair thig an samhradh 's a miosa citean Bidh teas na grine 'g am fhagail fann; Gu'n cuir i spirid 's a h-uile creutair A bhith's fo islean air feadh nan toll: Na mathain bhisteil gu'n dean iad eirigh 'Dhol feadh an treud 's gur-a mr an call; 'S a chuileag inneach gu socach puinsionta 'G am lot gu lionmhor le roinn a lainn. Gu'n dean i m' aodann gu h-olc a chaobadh Cha'n fhaic mi 'n saoghal 's ann 'bhith's mi dall, Gu'n at mo shuilean le neart a cungaidh Ro-ghuineach dridhteach tha sgh a teang.' Cha'n fhaigh mi aireamh dhuibh ann an dnachd, Gach beathach grineil a thogas ceann, 'S cho liugha plaigh ann a 's a bh'air righ Pharaoh Airson nan trillean 'n uair bhth e'n cmp. * * * * * Ma bha 'choille fiadhaich, fuachd a gheamhraidh is teas an t-samhraidh, dian-chruaidh, na cuileagan, nimheil, na fiadh-bheathaichean, lionmhor, na ridean, garbh, 's am fearann 'n a dhithreabh doirbh "As nach tugadh an Fhinn iad fin aran," bha cridheachan nan daoine teoma, laidir, 's cha robh gealtair 'n am measg. Mar bu chruaidhe an gnothuch b'ann bu chalma am misneach, 's cha b' fhada gus an d'thug iad buaidh. Thainig Seumas Ros, agus na bha leis, 's a' bhliadhna 1832. Bhuineadh am fearann a thog iad do'n Chuideachd Chanadach agus b' i phrs da dholair an acair. Bha 'n talamh gu leir air a chomhdach le coille mhoir, dhmhail dhrislich. Bha craobhan de iomadh seorsa ann,--bha 'n giuthas pailt, darach, beith, uinnseann, seudar, walnut, maple, agus mran eile freagarrach airson thaighean agus oibre ghnathaichte na saorsainneachd. Dh' fhosgail a' Chuideachd Chanadach aon rathad troimh 'n sgre; b'e sin uile na rinn iad. Bha muilean-sabhaidh aig fear-ionad na Cuideachd, d'am b' ainm Domhnull Mac-an-Toisich, faisg air laimh, ach cha robh goireas eile 's a choimhearsnachd. B' e cheud ni a bha ri dheanamh taighean a thogail airson fasgaidh nan teaghlaichean,--mar theirte riutha _Shantaidhean de logaichean_--bothain de fhiodh garbh air a mheadhadh leis an tuaigh. Ged bu taighean beaga, fiodha bh'annta cha bu taighean suarach iad; bha iad air an deagh thogail, goireasach agus dionach ri gaillionn a' gheamhraidh. Dh' fheumadh neach a bhith lmh-ghleusta, elach air gnths na tuaighe, an uird, an til, 's an tora; agus, mar an ceudna ceann seadhail a bhi air a mhuineal mu 'n rachadh aige air taigh _logaichean_ a thogail gu ceart. Gu'n do dh' aithnich mi o'n uair sin Gu'm bu chruadalach a chuis dhomh Teannadh ri reiteach na coille 'S gun mi goireasach g'a ionnsaidh. 'M fear nach dean obair le tuaigh Is nach urrainn an uaisle 'ghilan B' fherr dha fuireach ann an Albainn; 'S gun an fhairge gharbh a stiireadh. --Mac-GILLEAN. III. Cha robh aoidheachd bhlth a' feitheamh air na Rosaich an uair a rainig iad an dachaidhean r ann an Ontario, oir cha robh neach sam bith aig ceann an uidhe a thoirt aoidheachd dhaibh. Bha 'n tr falamh, fs, ann an staid naduir, gun chraobh air a leagadh, gun taigh air a thogail: bha'n talamh, gun teagamh, reamhar, trom, ach bha i air a tur-chomhdach le coille gharbh a dh'fheumta chur deth bonn. B'e cleachdadh nan Gaidheal ann an Canada, gach coibhneas a' nochdadh d'an luchd-duthcha a bhitheadh a tighinn d'an ionnsuidh. Bha iad lamh-fhosgailte, fialaidh d'an co-chreutairean, gu h-raidh d'am muinntir fein. Mar bu tric bhitheadh fios aca mios no dha roimh laimh gu'n robh seana choimhearsnaich a' tighinn, agus dheantadh ullachadh air an son. Aig an am cheart rachadh neach elach g'an coinneachadh air an t-slighe, chum an trerachadh gu baile, far am bitheadh cairtealan deas air an son am measg nan cirdean. Gheibheadh iad filteachadh cridheil, coibhneil, agus an deidh la no dha 'dhol seachad a'leagail dhiubh sgios an turuis, rachadh fearann freagarrach a thogail air an son. Air dha so bhi deanta thisicheadh an obair gun dil; agus b'i sin an obair! B'e cheud ni ite a thaghadh airson taigh-comhnuidh agus treabhair, faisg air am bitheadh uisge math airson duine is ainmhidh. Bu tric so air bruaich sruthain far an cluinnte torman caoin an uisge, no air brigh tomain seasgair, a ghlacadh araon de rail an t-samhraidh agus gaoth ghrianach an fhogharaidh. Ach air iomadh baile-fearainn cha robh idir sruth no tom, loch no bealach; bha mhrchuid 'na mhachair chomhnaird fad mhltean air gach taobh. Air tr de'n t-sersa so dh' fheumta tobar a chladhach fada fodha 's an talamh, agus ri thaobh rachadh na taighean a chur suas. Air do'n bhaile agus lrach nan taighean a bhith air an taghadh, chruinnicheadh na coimhearsnaich gus an togail. Bhitheadh obair ann daibh uile. Bhitheadh na craobhan ri ghearradh sios chum lraich a dheanamh do'n taigh, oir b' ann 's a' choille a bha 'n gniomh ri dheanamh. Dh' fheumadh an lrach a bhith cho farsuing 's nach tuiteadh craobh 's am bith a leagadh stoirm air an taigh. Rachadh, a'n sin, lrach an taighe a thomhas, agus a reiteachadh, agus rlar comhnard, reidh a dheanamh airson nan semar. Mur bu tric bhitheadh na taighean de'n aon mheud is dealbh; far am bitheadh teaghlach mr, bhitheadh semar no dha a bharrachd air an cuir ris an taigh, ach am bitheantas 's i bhitheadh ann fardach de tri no ceithir a shemraichean, mu dheich throidhean fichead air a fad, agus mu fhichead troidh air a leud. Anns a' chuid bu mhotha dhiubh bhitheadh lobhta air am bitheadh ite-laidhe ganaich an teaghlaich, agus, ri cliathaich an taighe bu dual do shemar cil no dha a bhi ann airson nan nighean. Fo'n rlar bhitheadh seilear air a cladhach, anns am bitheadh measan, luibhean-graidh, biadh is annlann air an dion bho theas 's bho fhuachd na h-aimsir. B'ann car mar sin bha cumadh nan taighean-comhnuidh a bha nis gu bhith air an togail. Bha 'n sgil bu mhotha feumail airson oisinnean an taighe agus bhitheadh ceathrar dhaoine tapaidh a' frithealadh do'n ghnothuch sin. Bhitheadh na craobhan bu fhreagarraiche air an gearradh sios 's air an slaodadh le daimh gus an lrach. Bhitheadh iad a'n sin air an leagail sios 's an ite cheart, a' cheud shreath air bunchar cloich, agus chuireadh na h-oisinnich a'n eagan a cheile iad, g'am fiaclachadh gu gramail, eagnaidh, mar bu chir. Ged nach robh inneal saorsainneachd aig na daoine ach an tuagh, bhiodh oisinnean agus ursainnean an doruis is nan uinneag air an gearradh cho glan, 's air an suidheachadh cho coimhlionta 's ged bu chlachan snaighte de'm bitheadh iad air an deanamh. Mar a rachadh na ballachan suas bhitheadh sogan air na daoine, oir bu taitneach an ni a bhith faicinn na h-aitreibh ag iridh gu h-eireachdail fo'n laimh. Sreath air sreath, craobh air a sneadh air craoibh, rachadh na ballachan suas gu irde ochd no naoidh troidh, agus, a' n sin, thoisichte air am mullach a thoirt a steach. Cha b' ionnan mullaich nan taighean so agus mullaich nan seann taighean beaga Gaidhealach. A'n so cha robh maidean-ceangail mra, maide-droma, sparran-tarsuing, sailthean taobhanach, cabair, ceannabhaidhean, no maide-feannaig. Agus cha robh am mullach, biorach, rd, no cas, mar 's an t-seann dthaich, ach, an cumantas, car plod, iosal; gun ach beagan claonadh bho'n druim-rd gu brigh a' bhalla. Bhitheadh am mullach air a thoirt a steach, le bhith cur craoibh air na tulchainnean, 's air na taobhan, uair mu seach gus an tigeadh an da thaobh, uidh air an uidh, ri chile, 's a'n sin bhitheadh am mullach deas airson an tughaidh. Cha b'ann de sgrath, no fraoch, no fodar a bhitheadh an tughadh, ach mar bu tric de rsg chraobhan mra, mar am beith no'm _basswood_. Bu ghnth le an rsg a ghearradh a'm bloidhean gach aon mu cheithir troidhean air fad, agus bho throidh gu ochd oirlich deug air leud. Rachadh an tairngneadh ris na taobh-shailthean, car coltach ris mar a chuirear sgliatan suas, oir na h-aoin a' tighinn dha na thri oirlich thairis air oir na h-aoin eile. Bha so a' toirt an deagh thughadh dhaibh, donach agus blth agus buan. Bhitheadh an teintean aig ceann an taighe. Bho lic gu mullach bhitheadh an similear air a dheagh chreadhadh, agus b' ainneamh an aon anns nach bitheadh tarruing mhath air a' che. A rir a chomais chuireadh neach rlar fiodh, leachdan, no creadh, 'n a thaigh, an toiseach, ach cia air bith mar thisichte, cha b'fhada gus am bitheadh an fhardach seasgair, goireaseach. A chionn nach robh na craobhan de'n robh am balla air a thogail, snaighte, bhitheadh iomadh fosgladh eadar na sreathan tre 'n tigeadh gaoth is fuachd, agus chum so a bhacadh thionailte coinneach agus spealgan de fhiodh 's rachadh an dinneadh a stigh anns na tuill gus nach fgta a h-aon diubh ne-dhionach. Mu'n tigeadh an geamhradh rachadh taobh muigh agus taobh stigh an taighe a chreadhadh, oir cha robh aol deiseil an toiseach. N' am bitheadh mran sluaigh an lthair bhitheadh an taigh air a thogail ann an aon latha; crr uair ghabhte dha na thri lithean g'a dheanamh. An uair bha'n obair so dol air a h-adhart, faodar bhith cinnteach nach robh dearmad air biadh is deoch do 'n chuideachd. Fad seachdain roimh laimh bhitheadh irde air a chuir air a' ghnothuch, 's 'n uair a chruinnicheadh na daoine air an lrach bhitheadh na mnathan ullamh le teachd-an-tr. B'e teachd-an-tr, da rreadh, an ln a bhitheadh aca; cha bhitheadh dad dheth o bhth no bho mharsanta, ach gach spiolag bho'n tr a bha iad fein ag iteachadh. Bhitheadh aran coirce, is aran cruithneachd gu leir ann, 'n a bhuilionnan mra, car coltach ri bonnaich Mhicheil; sithionn, bho'n fhrth-choille phreasanaich, 's an robh gach sersa, mr no meanbh, ri 'm faotainn, 's mar an ceudna eoin-choille a'm pailteas. Rachadh an fheil a' bhruich ann an coireachan mra, agus bhitheadh brot air a dheanamh de'n t-sgh le measgadh de luibhean a' ghraidh. Bu dual, mar an ceudna, do dh' uisge-beatha na dthcha bhith ann, 's cha bhitheadh maille air an l. Bha na briuthais lionmhor 's bha'n deoch furasda faotainn, mar tha i'n diugh, 's bu bheag a prs. Airson seachd sgillinn shasunnach gheibhte da bhodach dheth, no searrag a chumadh an ceathramh cuid de ghalan. Crr uair bhitheadh tuille 's a chrr deth air a ghabhail, ach mar bu tric tha e ri chreidsinn gu robh measarrachd air a cleachdadh. Gun teagamh bhitheadh feisd mhr aig crich na togalach, agus bha deagh nbachas air rach 's air a neartachadh am measg nan coimhearsnach. Ach cha do sguir an coibhneas ann an so. Bha tuille ri thighinn. Bheireadh cuid de na mnathan bu chomasaiche leotha aodach-leapa, is goireasan beaga airson taigheadais an teaghlaich,--ach air son sin dheth, bha na nbaidhean gu lir deas gu cach-a-cheile a chuideachadh a rir uireasbhuidh agus comais gach neach fa leth. B'e sin an doigh anns an robh a' cheud chuid de na Gaidheil a thainig gu Ontario a' tiseachadh, 's a' deanamh am be-shlinte. Bha cuid de na taighean beaga so a mhair ceud bliadhna; bha iad comhfhurtail agus sheas iad gu math an latha fein. Thubbairt Iain Rusgain, an sgriobhaiche ainmeil, gu'm b' ann as na taighean beaga, dubha 's a' Ghaidhealtachd a thainig na saighdearan bu treuna, 's na daoine bu mheasara a chunnaic an saoghal riamh. Air a mhodh cheudna dh'fhaoidte a radh gu'm b'am bho _Shantaidhean_ fiodha nan coilltean a thainig luchd-stiraidh Chanada,--na ministeirean, maighstirean-sgoile, lighichean, luchd-lagha, buill-phrlamaid agus uachdarain na tre. Dh'eirich iad bho staid iriosail, onorach, gu inbhe rd le'n dichill 's le'm misneach fin. An deigh do theaghlach tuineachadh air an fhearann, thoisicheadh iad air a reiteachadh 's air a ghlanadh. Mar thug sinn fainear cheana cha b' i obair shocrach so, gu h-raidh far nach robh elas na tuaighe aig na daoine. Mar tha' n sean-fhacal ag radh: "Is i namhaid duine a' cheaird nach cleachd e." B'iomadh neach 'n am measg nach do leag craobh riamh, agus a bha ni b' elaiche air coin 's air caoraich, air lion-isg, 's air treabhachas, na bha e air innleachd na coille 's air inneal fir-ceairde. Airson an lethid sin bha' n obair gle dhoirbh gus an do mhaighstirich iad i. Cha robh faochadh ri fhaotainn ach tre'n chleas cheart ionnsachadh le dian-chleachdadh. Bha so ni b' fhurasda do na daoine ga na do na seana dhaoine a bha suidhichte 'nan gnths,--"An car a bhith's an t-seana mhaide 's duilich a thoirt as." Bha aon de na daoine so a bha bho Airde Mhic Shimidh, a thug dhomh iomadh sgeul air na lithean cruaidh troimh'n deach e fin agus a chompanaich. Aon uair chaidh e fin agus coimhnearsnach astar air chuairt a shireadh oibre. Cha robh facal Gaidhlig aig an duine leis an d' fhasdadh iad, agus cha robh acasan ach corra fhacal beurla. Bha na daoine sgairteil, dichiollach, gu leir, ach aineolach air an obair--gearradh sios chraobhan--a ghabh iad a'n laimh, is bha iad, mar sin, a' cur am mach an neart gun mr sgoinn. Aon la mar bha na fir ann an teas oibre, fear air gach taobh de'n chraoibh, a dian leagail gu tubaisdeach oirre le'n tuaghan, thainig fear-a' bhaile far an robh iad, 's ag amharc car tacan air an doigh sheochlanaich a bh'aca, thuirt e 'na chainnt fin: "Man, John, work like that is perfectly ridiculous." Cha b'fhios do Iain ciod bu chiall do'n fhacal mu dheireadh de'n achmhasan so, ach shaoil leis gu'm b'e mionn grathail a bh' ann, is dh'eirich a chorruich, oir bha e air a chruaidh chur, 's air a shrachadh gu goirt leis an obair. Sheall e gu feargach air an tuathanach, is thilg e am mionn mr, mar shaoil esan, air ais 'na aodann, ag radh: "Yes, a dhuine bhochd, it is 'perfectly ridiculous,' is gabh do leir dheth." An uair a dh' fhalbh an tuathanach thuirt Domhnull: "Iain, Iain, 'de thug ort sid a radh ris an duine? Ge b'e air bith an tmailt a chuir e ort, cha bu choir mionn tigh'nn as do bheul. Cha b'e sin an eisimpleir a fhuair thus' is mise bho na daoine cir a dh'raich sinn, 's cha'n fhaod sinn sin a dhi-chuimhneachadh." Ars' an duine cir, le priobadh 'na shil: "Bha sinn le chile aineolach, cha b'ann a mhin air an tuaigh, ach air a' bheurla, cuideachd, agus chaidh iomadh la seachad mus do thuig a h-aon dhinn brigh an fhacail 'ridiculous'; ach air a shon sin deth, thog a' chuid bu mhotha dhinn, le sior-chleachdadh, beurla gu leir, airson gnothaichean an latha a chur air an adhart, agus, mar an ceudna, chum na searmoin a leantuinn air an t-sbaid." A lion beag is beag bha iad a' fs elach air an doigh-oibre, agus bha na craobhan a' tuiteam romhpa. An uair a bhitheadh dha na tri acair air an gearradh sios, chuireadh na coimhearsnaich an guaillean ri chile, aon uair eile. Ach ciamar a dh'fhaodar sgeul an euchd a bha nis ri dheanamh, a chur ann an altan a chile? Cha'n fhacar riamh co-fharpuis ni bu ghire na bhitheadh ann, a' slaodadh an fhiodha do'n chruaich-theine, far an loisgteadh e eadar bhun is bhrr; agus cha'n fhacar fill no faidhir riamh a thogadh sunnd nan daoine mar a dheanadh an _Logging Bee_ mar theirte 's a bheurla Shasunnach ris an dian-iomairt so. B'e'n cleachdadh aig am mar so, tiodhlacan bdh a chur do'n teaghlach aig am bitheadh an crdhadh fiodha, agus cuide riu rachadh cuid de na nighneagan a fhrithealadh aig am dinnearach agus suipearach. Chruinnicheadh mran sluaigh agus bhitheadh othail nach bu bheag orra a' cur furain air cach a chile, agus a' beachdachadh air rian na h-oibre. Rachadh na daoine a'n ordugh oibre air an raon 'n an tri bhuidheannan. Bhitheadh aon bhuidheann de dhaoine selta aig a' chruaich, a' gabhail an fhiodha mar a thigeadh e staigh, g'a chrnadh suas sreath air muin sreath a' cumail an teine be, leis a' bharrach. Bhitheadh tuaghadairean tapaidh a' gearradh gheugan de na craobhan, a' sgioblachadh a' bharraich agus a' reiteachadh fri-rathadan airson nan slaod. Bhitheadh an tritheamh buidheann sgaoilte thairis air an achadh, gach sgioba 'na h-ite fin, le aon chuing dhamh agus dithis no triir dhaoine do gach sgioba, le acfhuinn thaghta, goireasach aig laimh. Bha 'ghniomh fin fa chomhair gach neach 's 'n uair thigeadh an t-am bhiodh na daoine teth gu tiseachadh. B'ann a'n sin a bhitheadh an strith. B' i 'n obair shonraichte na craobhan a shlaodadh bho'n ite 'san robh iad a laidhe gus a chruaich-theine agus b'i 'n strith co an sgioba a chriochnaicheadh a cuibhrionn fin an toiseach. Bhitheadh am fear bu treasa, 's bu treuna de'n sgioba air ceann na sgioba sin, 's cha bhiodh fairtleachadh na h-oibre air, ge b'e cho doirbh 's a dh'fhaodadh i bhith. Bhitheadh cuid de na craobhan ro throm; cha b'urrainnear ach a h-aon a chur 's an t-slabhruidh aig aon am. Air uairean bhitheadh an rathad cam, cuagach, air feadh nan stochd, doirbh ri dheanamh le cuing throm de dhaimh mall-chasach 's a bheairt. Dh' fheumta cram agus seltachd a chleachdadh gus an ld a shlaodadh am mach, agus mar a bhitheadh na daoine a' leigeil an inntinn air an obair, 's a' teasachadh rithe, chluinnteadh gleadhraich nan teanga gu h-rd a' brosnachadh nan damh, 's a' misneachadh cach a cheile. An deidh na dinnearach na'm biodh piobaire 's a chuideachd, bheireadh e laimh air a' phioba, is sheideadh e suas puirt beothail sgrach, a thogail spionnadh nam fear 's an cumail gu dian ris an obair. Bhitheadh na h-uile innleachd air a cleachdadh chum an raoin a reiteachadh mu'n tuiteadh dorchadas na h-oidhche, agus bu mhr moit na sgioba a choisneadh a cheud ite. Bu tric duais-buadhaich a bhuileachadh orra aig an t-suipeir, 's bhitheadh an cli mar dheagh luchd-oibre air a dhaingneachadh. An deidh do'n talamh, a bhith, mar so, air a reiteachadh rachadh uachdar na talmhainn a sgriobadh le caibe, agus an luaithre a sgaoileadh thairis air. Anns an fhonn so rachadh an siol a chuir, agus as thigeadh deagh thoradh 's an fhogharadh. Bha nis duais an saothrach air a mealtuinn le; chuir iad an siol ann an dchas deagh fhogharaidh, oir bu mhr an curam a bha'n crochadh ri sin; chaidh seal goirid seachad, thainig am brr a staigh gu sealbhach, agus bhuain iad le mr shubhachas, 's cha b'ionghnadh e. Gun dil an deidh na buana bhitheadh am bualadh ann, agus bu taitneach da rireadh a bhith cur a cheud ld de'n ghrinne do'n mhuileann. Mar bu tric cha bhitheadh rathad-mra ann, ach, a mhin, frith-rathad troimh'n choille. Rachadh an damh soitheamh, earbsach, uil'-fheumail, uidheamachadh agus bho bhuiseal gu leth, gu d bhuiseal choirce a cheangail air cl a ghualainn, 's le so dh' fhalbhadh fear-an-taighe, no aon de na gillean do'n mhuileann. 'Nam bitheadh an t-slighe fada, bhitheadh an oidhche ann mu'n tigteadh dhachaidh leis a' mhin, ach ge b'e cho anmoch, chumadh an t-annas gach neach de'n teaghlach, bho'n leanabh gus an t-seanamhair, air am bonn, a dh' fhilteachadh ceud toradh an fhearainn. Ach corra uair cha bhitheadh muileann ann d'am b'urrainn daibh a dhol, agus cha robh ni b' fhearr aca na'm brth anns am bitheadh an grinne air a bhruthadh le pronnadair. Tha iomradh air aon bhrth shonraichte a rinn athair an t-Siorraim Mhic Ealair nach maireann, a rinn an gnothuch 's an ite 's an robh e, fad iomadh bliadhna, gus an deach muileann a thogail. Tha'm brth ainmeil so, a nis, ann an taigh-coimhid ann an Toronto, far am bheil mran sluaigh o chaoch-la itean de'n t-saoghal 'ga faicinn na h-uile bliadhna. An uair a thigeadh an geamhradh cha bhitheadh is air an obair. Bhitheadh na daoine, g is sean, a' gearradh na coille; bhitheadh tigheadas air laimh nam boirionnach, 's cha bhitheadh eadhon na pisdean diomhain. Ann am fallus an gnuis bha iad uile ag itheadh arain; ach a'n cois a' bhonnaich bhig bha 'm beannachd. 'S an trth fheasgair bhitheadh srd air an teaghlach aig bun an teine thiorail. Bhitheadh na boirionnaich a' crdadh, a' sniomh, a' fighe, 's a' cramh aodaich; na fir a' grusachd bhrg, a' toinneadh ascairt, a' geurachadh shbh, a' cur laimh r ann an tuaigh, no nithean feumail de'n t-sersa sin. Bhitheadh cmhradh ann a reir suidheachadh an teaghlaich. Bhitheadh iomadh ni r aca ri innse a dh'ionnsaich iad mu'n tr gus an d' thainig iad, ach bhitheadh a' chuid bu mhotha de'n t-seanachas mu'n duthaich 's mu na cirdean a dh' fhg iad 'n an deidh. Corra uair bhitheadh cilidh de na coimhearsnaich ann le 'cuid rain agus sgeulachdan gun gh: "Air gach gaisgeach fearail greann'or Bha 's a' ghleann 'n uair bha iad g." Bhitheadh an cleasan fein aig a' chlann, agus is iongantach mar a lean cuid diu anns na teaghlaichean ud gus an la'n-diugh. Bliadhna no dh roimhe so bha'm fear-sgriobhaidh ann an ite de Ontario far am bheil cmhlan Ghaidheal. Bha clann beaga a' cluiche agus b'e 'n cleas a bh' aca, bioran maide loisgte gu ibhille aig aon cheann, a chur mu'n cuairt cho luath 's a b'urrainn daibh, 'n uair bhitheadh iad ag radh na facail so, a dh' ionnsaich iad o'n seanamhair, 's a fhoghlum ise aig Ionarnais 'n uair bha i 'n a caileig a'n sin: "Dilean, dealan, digh, Tha na fidh air an loch; Tha Mac-Shimidh as an didh, 'S cha teid na fidh dhachaidh nochd." IV. Chaidh naoi bliadhna seachad bho'n am 's an do shuidhich Seumas Ros aig Narunn, Ontario. Bha na neoil a' bristeadh, bha na h-achaidhean a' dol am farsuingeachd, agus bha goireasan an taighe a' meudachadh. Anns an ite so, air an ochdamh la deug de mhios mheadhonach an Fhoghair, 's a' bhliadhna ochd ceud deug da fhichead 's a h-aon, rugadh Seoras Ros. Cha robh mr ailghios no mr uireasbhuidh a' feitheamh air. Bha'n teaghlach a' fs rthail, agus bha 'n sgoile faisg air laimh, air srid Ghlaschu, mar theirte ris an rathad-mr a bha 'dol troimh'n sgre, agus b'e ainm a mhaighstir, Tearlach MacCoinnich. Bha Seoras 'na dheagh sgoileir, dichiollach agus curamach. Bha e ln de feala-dha agus deidheil air cleasan neirt mar a bha camanachd, a' ruith reisean, a' gearradh shrdag, a' gleachd agus a' cur na cloiche. Bha e luath-chasach, aotrom, agus cho aighearach 's a b' urrainn do ghiullan smearail slinteil a bhith. Aig na ceilidhean ann an taigh athar, no ann an taighean nan coimhearsnach mar bha Mac-an-tisich, Mac-Lachluinn, agus Mac-Griogair, bha e deas mar aithrisear bhrdachd. B'iad oibre Thomais Chaimbeil a b'fhearr leis,--"Nighean Thighearna Ulainn," "Bairnigeadh Lochiall," agus "Catha Hohenlindein,"--le orain de'n t-seorsa sin, b'iomadh uair a thug e togail inntinn do na bhitheadh an lathair. Thog e dreuchd maighstir-sgoile agus chaidh e, 'se fathast 'n a bhallachan g, do'n deicheamh _Concession_ air taobh-an-ear do shrid Ghlaschu, a theagasg. Bha so ann an sgre _Williams_. Bha tri rathadan mra anns an sgre air an ainmeachadh air na h-itean bho'n d'thainig an sluagh 's an t-seann duthaich,--Srid Ghlaschu, Srid Phettit, agus Srid Earraghaidheil. Bha da theaghlach de na Rosaich 's an ite,--na Rosaich Mra, 's na Rosaich Beaga,--a reir am fiamh 's an coltais. B'ann do na Rosaich Beaga a bhuineadh Sir Seoras, ach mar robh a bhodhaig neo-chumanta mr bha aige inntinn chumhachdach, ghreimeil, iomadh-fhillte, lughor. Bha meamhair chuimhneachail, ealamh aige, air chor 's gu'n robh e furasda dha araon seanachas agus aireamhachd a chumail 'na cheann. Cha b' fhad an ine gus an do choisinn e cli mar fhear-labhairt dealasach, gu sonraichte air taobh na Stuamachd anns an do shaothraich e fad a bheatha; cleachdadh a dh' igheamaich e airson an dreuchd rd a bha 'feitheamh air. Bho _Williams_ chaidh e gu _Melrose_, dluth ri Lunnainn, Ont., a theagasg sgoile. Ann an so thainig e fo bhuaidh cuid de na daoine comasach air an do chuir e elas anns a' bhaile. 'Nam measg bha buidheann de luchd-lagha ga a bha am bitheantas ag cnuasachadh cor na duthcha, 's a' sgrudadh bheachdan cch-a-cheile air ceisdean an latha. Thladh so 'inntinn gu bhi rannsachadh cuisean air a shon fhein, is thoisich e air leughadh nam paipeirean-naigheachd agus leabhraichean-eachdraidh gu geur, mionaideach; cleachdadh a lean ris ri bhe. Bha 'n am fbharach airson a leithid de dh'fhein-fhiosrachadh. Bha Roinnean mra Chanada air dol a'n comh-bhann, agus bha uachdranachd r air teachd a staigh le nithean cudthromach r'a dheanamh agus bunaitean na duthcha r'a shocrachadh. Cha b' urrainn do dhuine g am ni b' fhearr a mhiannachadh, no cothrom ni bu fhreagarraiche iarraidh airson seirbhis a dhuthcha. 'Sa bhliadhna so--1867--an uair a bha e s bliadhn' ar fhichead, a dh' aois, chuir e ainm fa chomhair coinneimh thaghaidh na Liberals airson parlamaid, an aghaidh Tomas Scatcherd. Cha deachaidh leis an trth sin; bha ige 'na aghaidh, agus a bharrachd air sin, b' e Mr. Scatcherd am ball-parlamaid aig an am, mar bha athair roimhe, 's bha 'n teaghlach d'am buineadh e cliuiteach am measg thuathanach Nissouri, an sgre 's an robh a' chuid mhr de'n luchd-taghaidh a' comhnuidh. Ged nach do shoirbhich leis 's a' chuis so, chaidh chomharrachadh am mach mar dhuine gealltanach, a bhuadhaicheadh a'n deagh am. Mu'n am so chaidh Mr. Ros do'n sgoil Normal far an d' ullaich se e fein gu bhi 'na fhear-ceasnaichidh sgoilean, agus air dha so a dheanamh, dh' fheuch e ris an dreuchd so a thoirt am mach ann an siorramachd Mhiddlesex. Bha a chuid bu mhotha de Chomhairle na siorramachd de na Tories agus chaill e an t-ite mar a shaoil e fhein, an los na rinn e ann an 1867 air taobh na Liberals. Ghabh e an ni gu cridhe. Air an t-slighe dhachaidh thuirt e ri Iain Waters, dluth charaid dha, a bha aig an am 'n a Reeve air Williams-an-ear:-- "Tha mi a so suas cuidhte gnothaichean riaghlaidh na tre. 'S mithich dhomh cumail ri m' dhreuchd, 's ri sin amhin." Fhreagair Mr. Waters: "Na can thusa ni sam bith mar sin, airson, ma dh' fhaoite, am bi thu duilich an deidh so." Thachair gu'n robh Comhairle shiorramachd Lambton a' suidhe aig an am cheudna. Bha chuid bu mhotha dhiubhsan 'n an Liberals. Chuala iad mar a thachair ann am Middlesex. Air an ath mhaduinn chuir iad fios-dealan do'n Rosach gu'n robh dreuchd cheasnaichidh Lambton air a thairgse dha na'n gabhadh se e. Dh' fheuch Mr. Ros an sanas so do Mhr. Waters, a thilg gu h-ealamh air:-- "Gu de mu dheidhinn _politics_, a nis, mo charaid? Tha thu a' faicinn gu'm bheil da fhaobhar air a' chlaidheamh!" Ghabh Mr. Ros ris an tairgse agus lean e ris an dreuchd sin an deidh dha bhi na bhall-parliamaid airson Middlesex-an-iar. Cuid de'n ine so bha e 'n a fhear-ceasnaichidh sgoile ann am baile Straruaidh. An duais a fhuair e airson na h-oibre so, thug e seachad, ged nach bu duine saoibhir e, airson dhuaisean do sgoilearan a' bhaile, a chum am misneachadh 'n am foghlum. Bha didh aige a bhi sgriobhadh do na paipeirean-naigheachd agus bha sgriobhaidhean bho pheann ri 'm faotainn gu tric anns an _Advertiser_ a'n Lunnainn, an _Expositor_ a'n Seaforth, agus an _Age_ ann an Straruaidh, a bha geur agus comasach. Aig a' cheart am thainig, an drasd 's a rsd, bhuaithe, duan agus oran a bha teisteil agus an eatorras math. Bha iad air taobh na stuamachd agus saorsa na duthcha bho dhroch riaghladh. 'Na ige rinn e dn air "An ni tha dhth air Canada" anns an d'thug e fainear na caochladh sersa dhaoine a thogadh suas cinneach chliiteach anns an duthaich so,--daoine onarach, tapaidh, saor-thoileach, subhailceach, treuna, measarra, uasal, duthchasach, agus thug e an dn gu crich leis na briathran shunndach so:-- "Sin na daoine, a Chanada, a dh'eireadh suas o d' fhonn mhaoth! Sin na daoine gu bhi 'g iomchair slat-rioghail do neart, gu bhi riaghladh thairis air do shleibhtean mra, gu bhi sgriobhadh ann an eachdraidh, gloir t' ainme." Fad a bheatha cha do dhichuimhnich e na smuaintean rda so; bha e air a lionadh o ige suas le eud airson Chanada, tr a bhreith is rach. Ach cha deachaidh na bliadhnachan so seachad ann an diomhanas a thaobh foghluim 'na dhreuchd, agus a thaobh oileanachd eile. Bha e sior strith air adhart, a' dioghlum ann an iomadh achadh thorach, a' carnadh suas strais 'na inntinn a bhiodh luachmhor agus feumail dha 's na lithean ri teachd. 'S mithich, nis, facal no dha a radh mu theaghlach Mhr. Rois. An uair bha e teagasg sgoil' aig Lobo, 's e bliadhna ar fhichead a dh' aois, b' i aon de chuid sgoilearan Cairistona Chaimbeul, nighean Dhunnchaidh Chaimbeil, Lobo, fear a mhuinntir Earraghaidheil. Dh'fhs an cirdeas a thisich a'n sin gu ln abuchadh agus phs iad 's a' bhliadhna 1862. Bha iad posda deich bliadhna, 'n uair chaochail ise, agus b' e la a h-adhlacaidh an la air an deachaidh esan a thaghadh, an toiseach, do'n Pharlamaid. Bha coignear theaghlach aca, dithis mhac agus triir nighean. Chaochail an gille bu shine, Seumas Cowper Ros, 'n a naoidhean agus dh'fhs cch gu re duineadais. Phs Mr. Ros an dara uair, 's a bhliadhna 1875, Ceit Boston, nighean Robeirt Boston, ann an siorramachd Mhiddlesex. Chaochail ise 's a bhliadhna 1902 ann an Toronto. Bha acasan aonar mhac agus triir nighean. Coig bliadhna an deidh bs an darna bean phs e Mildred Peel, nighean Iain Robeirt Peel, a' n Lunnainn, Ont., a tha fathast be. Bha na mnai sin ro eireachdail, banail, suairce. Bha iad 'n an taic mr dh-san tre bheatha shrachail, euslanaich. Tha'n dithis mhac 'n an daoine tapaidh, rthail. Tha 'm fear as sinne, Dunncha Caimbeul Ros, 'na fhear-lagha ann an Straruaidh, 's na bhall-parlamaid aig Ottawa, far am feil e 'foillseachadh a chomais-labairt 's a sheltachd gu soilleire. Tha 'n darna mac, Seras Uilleam Ros, 'na lighiche ann an Toronto. Choisinn e, mar tha, rd-ainm 'na dhreuchd. Tha iad, le cheile, 'nan daoine duthchasach, coibhneil, anns am bheil gn a' Ghaidheil a' cinntinn gu nadarra, reidh. Tha na nigheanan psda gu cothromach, comhfhurtail, 's a' togail theaghlach chliiteach, ghasda, 'tha na'n samhladh chiatach air igridh Ghaidhlich Chanada. V. Mar a chunnaic sinn cheana, bha inntinn an Rosaich a' tionndadh do'n Pharlamaid agus thainig an cothrom thuige gun mr dhil. Chaidh ainmeachadh airson Middlesex-an-iar, an aghaidh A. P. MacDhomhnuill, an seann bhall-parliamaid, duine beartach aig an robh greim air an t-sluagh, 's a bhiodh doirbh a chlaoidh 's an t-strth. Ged bha 'm blr cruaidh, ged bha'n Rosach g agus gun airgead, ged bha 'n Domhnullach cleachdta 's a chath, le maoin is pailteas air a thaobh; an uair a chaidh an t-aonta mu dheireadh a chunntadh bha 'n duine og, lamh-fhalamh air uachdar, agus an duine eile fodha--chaidh'n Rosach a thaghadh airson na Parlamaid. Chaidh e gu Ottawa far an robh 'n Ard-Chomhairle a' suidhe, 's a bhliadhna 1872, agus bho'n am sin gu la a bhis, shaothraich e airson a dhuthcha araon ann an uachdranachd Chanada agus Ontario. Fa chomhair an Rosaich 's an t-semar bha Sir Iain Domhnullach, Priomh-Mhinisteir Chanada, agus ri thaobh bha aireamh dhaoine ainmeil, comasach, mar bha Hincks, Tupper, Howe, agus Galt. Mu'n coinneamh bha comhlan de dhaoine fhior chomasach,--Alasdair MacCoinnich, Blake, Cartwright, agus an lethid sin,--daoine dealasach, geur, a bha ullamh agus toileach gu cnsachadh an aghaidh 'n luchd-riaghlaidh air na ceisdean mra a bha ag eadar-dhealachadh an da thaobh de'n Chomhairle. Bha Mr. Ros am measg dhaoine comasach agus rinn e na b' urrainn e gu bhi foghlum gnthan na Parlamaid agus brgh na h-oibre bhuapasan. Cha robh e doirbh dha ionnsachadh, agus ann an uine ghoirid dh'fhs e elach air dleasannas fear-ionaid. R a cheud bhliadhna 's a Pharlamaid dh' erich droch upraid mu 'n airgead a ghabh Sir Iain Domhnullach bho Huistean Allan, ceannas an rathaid-iarruinn sin,--an "Canadian Pacific." Ged a dhearbh an luchd-riaghlaidh gu'n robh an t-airgead air a ghnathachadh ann an cisean an taghaidh, 's nach robh buanachd aig Sir Iain e fein dheth idir, gidheadh, b'e beachd na Parlamaid nach robh e ceart no iomchaidh do dh'fhear-riaghlaidh airgead a ghabhail o neach, mar a bha Mr. Allan aig an robh gnothaichean ri dheanamh ri luchd-riaghlaidh na duthcha, agus thug Sir Iain suas a dhreuchd. Chuireadh Alasdair MacCoinnich 'na ite; agus thug esan a' Pharlamaid gu crich air a' bhliadna sin fein. Sheas Mr. Ros a rithis airson Middlesex-an-iar agus chaidh a thaghadh gun neach air bith seasamh 'na aghaidh. Fhuair luchd-cuideachaidh Mhic-Coinnich buaidh mhr 's an taghadh 's bha e air a dhaingneachadh mar Phriomhfhear Chanada. Fhuair, a nis, Mr. Ros an cothrom a bha dhth air, agus cha do sheachainn. Bha a chomas breithneachaidh agus labhairt a' meudachadh, agus bha e fs feumail 's an t-semar-riaghlaidh, agus, mar an ceudna mar chomhairliche earbsach do'n luchd-riaghlaidh. Bha e deas-bhriathrach ann an cisean malairt, na stuamachd, agus aiteachaidh an fhearainn, agus bha gach bliadhna ag cur ri neart, 's ri chliu. Chaidh coig bliadhna seachad air an doigh so, agus bha Mr. Ros gu socrach agus gu cinnteach ag eirigh ann an spis a cho-chomhairleach. Anns an taghadh a rinneadh 's a bhliadhna 1878 thuit MacCoinnich agus thainig Sir Iain Domhnullach a staigh a rithis. Bha cogadh cruaidh aig Mr. Ros ri chur ann am Middlesex, oir bha sluagh Chanada air fad air an dusgadh gu mr 's bha na seann lraichean, na seann chriochan eadar na Tories agus na Liberals air an atharrachadh. B' e'n cuspair mr a bha eadar an da chuideachd sin, aig an am: Co dhiubh a bu chir cs rd a chur air toradh dhuthchanna cin, bha tighinn a staigh do Chanada, araon chum airgid-riaghlaidh a thogail, agus dion a chur air maoin Chanada. Bha amanna cruaidh ann; bha bochdainn air feadh na tre, agus bha moran de na buill-parlamaid a sheas air taobh Mhic-Coinnich airson saorsa malairt, nach robh air an taghadh leis an t-sluagh. Ach chaidh le Mr. Ros oir bha meas mr air 's an t-siorramachd, agus fhuair e troimh'n deuchainn gu sbhailte. Anns a' Pharlamaid a lean an taghadh so, bha e ro-dhichiollach agus bha e air ireamh am measg nan daoine comasach, gibhteach a bha 's a' chomhairle. R an ama so uile bha e 'saothrachadh mar fhear-ceasnaichidh sgoilean, 's mar fhear-deasaichidh phaipeir-naigheachd. Bha e mar an ceudna daonnan ag cuideachadh aobhair na stuamachd, agus ag cur air an adhairt gnothaichean eile. Cha robh e riamh 'na thamh no 'na thosd, agus b' ionnan sgriobhadh no labhairt dha. Mu'n am so bha ite Ministeir Foghluim Ontario, falamh, 's bha cor nan sgoil air feadh a' Mhor-roinn car diblidh. Bha feum air duine foghainteach, glic, eolach, air an ceann, agus roghnaich Mr. Mowat, a bha 'na Phriomh-fhear thar Ontario, Mr. Ros airson an dreuchd. Cha b' urrainnear neach ni bu fhreagarraiche fhaotainn. Cha 'n e mhin gu robh mion-eolas aige air dreuchd a' mhaighstir-sgoile, 's air uireasbhuidhean nan sgoil, ach bha a chridh 's an obair. Thilg se e fein le uile neart air an raon r so, agus is ann mar Mhinistear Foghluim Ontario a choimhlion e gealltanais ige. Air dha Parlamaid Chanada fhagail airson Parlamaid Ontario b'fheudar dha a bhi air a thaghadh airson Ard Chomhairle' na Mr-roinne. Cha do dhiobair daoine Mhiddlesex-an-iar e riamh agus thagh iad e a rithis mar bu ns. Chuir e laghan nuadh air chois, a leasaich gu mr staid nan sgoil agus tharruing e ri cheile air aon doigh riaghailteach na caochladh seorsa sgoilean bho thaigh beag na sgre gu oil-thaigh a' bhaile-mhir, gach ceum a' leantainn a cheile gu h-ordail, ceart a rir cleachdaidh chumanta na h-Alba. Shoirbhich leis gu h-anabarrach agus bha sgoilean agus oil-thaighean Ontario, ann an uine ghoirid, 'nan eiseimplearean do dhuthchanna eile. Ach bha aon rd-dhreuchd eile a'feitheamh air, agus b'e sin priomh-mhinisteirleachd Ontario; agus an deidh dha sin a thoirt thairis chaidh e gu Ottawa, a rithis, gu bhi 'na cheannard 's 'na fhear-treorachaidh 's an ard sheanadh. 'S an dreuchd so shaothraich e gu la a bhis a thainig air 's a bhliadhna 1913--ln de lithean 's de dh'urram. Ciod e an sersa duine a bha a' n so, a dh'eirich cho rd ann am beachd a ghinealaich fin, 's ann an inbhe? Tha e ro dhoirbh beachd fior-cheart a dhealbh air a' chuid mhr d'ar co-chreutairean; gu sonraichte air daoine tha rd os ar cionn. An uair a fhuair Gladstone bs bha mran de'n bheachd gu'm bu dhroch duine e, a chuir a bhuadhan cumhachdach gu fior dhroch bhuil; air an laimh eile, bha mran a creidsinn nach robh a leithid eile ann chum leas agus maith an t-sluaigh a sheasamh, agus gu robh e 'n a fhior bheannachd o'n Chruithfhear do Bhreatunn's do'n t-saoghal. Tha an ni ceudna air a radh mu Lloyd George. Bha eadar-dhealachadh beachd aig na Gaidheil 's aig na Goill mu luach agus cliu oibre-bheatha Phrincipal Rainy--cuid a' creidsinn gu robh e 'deanamh oibre Shatain, agus cuid eile gu robh e 'na sheirbhiseach dileas, foghainteach do'n Ard Mhaighstir. Tha fios aig Gaidheil Chanada mar a thilgeadh salchair nan sraid air Sir Iain Domhnullach, agus mar a reubadh cliu Alasdair MhicCoinnich; agus, a nis, mar tha bliadhnachan dol seachad tha deagh chliu an ainmean le cheile a'dol a'm meud. Thig an neach a smuainicheas air nithean mar so do'n cho-dhnadh gu bheil breith dhaoine air an co-chreutairean 'n a ni amharrasach air a chuid is fearr, agus gur cir do neach a bhi toigheach mu'n bharail tha e cnuasachadh mu neach eile. Tha so air m' inntinn fein gu mr an drasd, oir tha mi, mar gu'm b'eadh a' toirt breith air cuspair an sgriobhaidh so. Ach tha so agam ri radh. Bha cothrom neo-chumanta agam air Sir Seoras Ros aithneachadh. Bha mi gle eolach air fad ochd-bliadhna fichead, a'n cois gnothaichean na duthcha, agus mar cho-Ghaidheal. Bha cothrom saor-labhairt agam ris; b'aithne dhomh gu math cion-fth cuid de ghniomharan, agus, mar an ceudna, b'aithne dhomh gu math daoine flathail, fiughanta, a bha dlth ri inntinn, aig an robh fior eolas air, agus a bha comasach air a chothromachadh ann am meidh chinntich an fhein-fhiosrachaidh. B'e cuid diu sin an t-Urramach Alasdair MacCoinnich, Tearlch MacCoinnich, a bhrathair, An Siorram MacEalair, Lachlann MacCorcadail, Uilleam C. Caldwell, an t-Urramach Dr. Caven, an t-Urramach Ard-Easbuig Walsh, an t-Urramach Dr. Milligan, is iomadh neach eile a bha inbheach no iriosal 'n an dreuchd fein. Bu tric a labhair mi riutha sin, 's ri muinntir eile mu chliu 's mu bheatha Shir Seorais, agus bha gach ni a tha mi ag cur sios ann an so air a dhaingneachadh leo. "Tha lagh nam modhannan air a chur sios gu h-aithghearr anns na deich itheantan," agus is ann a reir an lagha sin a tha breith cheart gu bhith air a toirt air caithe-beatha ar co-chreutairean. Ma shnear slat-thomhais an lagha sin thairis air beatha Shir Seorais Rois tha mi ln chreidsinn nach bi a chliu aon irleach ni 's giorra na cliu an neach a b' urramaiche a shuidh riamh ann an caithir priomhfhear Ontario, ged is mr an radh sin. Bha'n Rosach 'n a dhuine moralta, 'n a dhuine glan 'n a ghn, uasal 'n a ghilan, neo-shanntach 'n a inntinn, coibhneil do 'n bhochd, foidhidneach fo thrioblaid, fad-fhulangach fo bhuaireadh, comasach 'n a bhuadhan, fileanta briathrachail 'n a chainnt, dridhteach 'n a raidean, araon soilleir agus farsuing 'n a bheachdan, gleusd ann an deas-boireachd, dileas d'a choguis, firinneach d'a dhuthaich, agus durachdach, dileas, 'n a dleasanas. Tha mi creidsinn gu robh Mr. Ros ag iarraidh le uile chridhe an ni a bha ceart a dheanamh a thaobh a dhuthcha mar bhall parlamaid, mar mhinisteir, 's mar Phriomh riaghladair. Tha mi creidsinn gu robh e feuchainn mar a b' fhearr a dh' fhaodadh e a ln dhleasanais a choimhlionadh gu h-onarach d'a cho-chreutair, bho'n neach a b' airde gus an neach a b' sle, mar neach a bha cunntasach do shluagh na tre airson gach gniomh d'a dheanadais choitchinn. Ni 's fhaide cha ruig mi leas a dhol 's a' chuis so an drasda, ach na'n robh an t-am iomchuidh, tha mi creidsinn gu'm faotainn a radh le firinn gu robh a dhochas steidhichte ann an rd-uachdranachd an Fhreasdail sin a tha lbadh gach gniomh 's gach oidheirp dhaonnail chum a chriochan maith fein. Gidheadh, tha 'us bithidh caochladh bheachdan am measg an t-sluaigh air an Rosach, mar dhuine 's mar mhinisteir stid. 'S dual dha sin tachairt; tha gach neach againn fein buailteach do'n ghnths cheudna. N' am b' urrainn duinn fior smuaintean ar cairdean 's ar coimhearsnach oirnn fhein, air uairibh, fhaotainn am mach, chuireadh iad mr iongantais oirnn, oir is tana an eigh tha fo m' chasan-sa, agus fo d' chasan-sa, a charaid, co air bith thu. Bho thoiseach gu deireadh a chrsa bha Mr. Ros trang ag obair. Cha deachaidh stad air a shaothair. B'e sin cion-fth a shoirbheachaidh. Thoisich e mar bhallachan bochd; cha robh airgead no r air a chlthaobh g' a chuideachadh air adhart. Tha'n cothrom cheudna a bh' aigesan aig gach ganach a tha 's an tr an diugh. 'S i obair chruaidh agus inntinn ghlan a bheir neach gu mullach na beinne. Ma 's e marsantachd, dreuchd an lighiche no 'n fhir-lagha, na ministeirleachd, no oibre-laimh a th'ann, feumaidh neach a bhith 'n a fhior mhaighstir air a ghniomh, agus feumaidh e a bhuadhan a gheurachadh leis an fhoghlum sin a tha feumail airson a dhreuchd. Tha a' mhr chuid dhinn comasach air so a dheanamh ma tha slinte cuirp agus beachd suidhichte againn ar ln dhichioll a dheanamh. Tha'n sean-fhacal ag radh: "Ni lamh na leisge bochd; ach ni lamh nan dichiollach beartach." Cha d'rinn lamh dhichiollach Shir Seorais beartas dha. Bha e 'n a dhuine bochd o ths gu is a bheatha, mar bu tric fo fhiachan trom, ach a ghnath g' am paigheadh mar bha 'n comas aige, 's aig a' cheann mu dheireadh mar robh moran ri fhgail 'na dheidh cha robh dad ri dhioladh. Ach thug e neart a bheatha agus toradh a chinn 's a chridhe do'n stid, chum, mar bha dil chinnteach aige, maith an t-sluaigh. Cha robh doimhneachd bhuadhan aige mar bha aig cuid de cho-aoisean ann an Canada; agus cha d'fhuair e cothrom 'n a ige air inntinn a liobhrachadh air cloich-bhleith a chruaidh oileanachaidh, a dh'raicheadh araon fnealachd chainnt agus eagnuidheachd smuain. Bha'n uireasbhuidh so r' a faicinn 'n a mhodh-labhairt, 'n a mhodh-sgriobhaidh, agus 'n a mhodh saothrachaidh. Ach, "Is airde tuathanach air a chasan na duin'-uasal air a ghluinean." Ann an aon de dh'raidean an Rosaich air beulaibh Comuinn Naoimh Aindreis, Thoronto (1909) thubhairt e gu robh sluagh Chanada comharraichte math gu bhith tionail 's a' togail gliocais agus ceill o gach cearnaidh de'n t-saoghal, 's g'an isneachachadh airson am buanachd fin. Tha iad a' tionail fiosrachaidh agus nuadh smuaintean mu chuisean malairt is airgid as gach ite 's am faighear iad. Tha iad a' toirt bho ghnths-riaghlaidh dhuthchanna eile na tha iad am beachd a fhreagarras, 's a leasaicheas an gnths-riaghlaidh fein. Bha am beachd so gun teagamh ceart, agus tha mi'n duil gu bheil e ceart mu'n Rosach e fein. Bha alt fir-tionail aige ann an re mhr; ghabhadh e stigh eolas mar a shlugadh suil-chruthach clach. Agus rinn e 'na bha 'n a chomas chum a bhuadhan a neartachadh le cleachdadh daonnan a thoirt dhaibh a' tional eolais anns gach raon a bha fosgailte dha. Cha robh moran 'san tr so a dh'obraich cho cruaidh 's cho bitheanta ris air thir eolais gu bhi leudachadh 's a meudachadh a thuigse, agus ann an roinn mhor shoirbhich les. Dh' rdaich e tuigse, agus "chur i suas e; thug i gu urram e; thug i d'a cheann coron maise, crn gloire thug i seachad dha." Cha'n fheil mi ag radh gu'n deachaidh gliocas ceum air cheum, lamh a'n laimh ri a thuigse, ach gun teagamh b' i 'n tuigse air nithean a dhreuchd 's a dhuthcha, a bhuinig e le mr dhichioll, a thug comas dha eiridh gus an inbhe air an d' rainig e. Mar bhall-parlamaid ann an Ottawa bha e dian, dlth, mar thuirt mi cheana, ann an ceum a dhleasanais. Bha e bitheanta 'na ite, a' toirt speis agus suim do'n obair bha'n laimh; a'rannsachadh chisean na duthcha, 's g'a ullachadh fein airson oibre litheil an Taighe. Air an doigh so, le sior-shaothair, daonnan ag obair, fhuair e lethid a mhaighstireachd air gnothaichean na parlamaid, 's gu robh e comasach, gun rabhadh fhaotainn roimh laimh, labhairt aig am 's am bith, air cuspair 's am bith a dh'fhaodadh tighinn air lom, agus ln-cheartais a thoirt do'n chis. Cha robh ach aon duine eile 's an Taigh, aig an am sin, a b' urrainn an ni ceudna a dheanamh--Mr. Anglin, nach mairean, athair a' bhreitheimh ann an Ottawa. Cha'n i slighe shoirbh a tha trerachadh gu soirbheas; ach "theid an t-anmhunn dichiollach thar an laidir leisg," agus a rithis, "Is treun fear an elais." An deidh do'n Rosach bhith aon-bliadhn' deug ann am Parlamaid Chanada, roghnaich Mr. Mowat e gu bhith 'na Mhinisteir Fhoghluim airson Ontario. Dh' fhan e 's an dreuchd sin fad s-bliadhna deug--gus a' bhliadhna 1899 'n uair a ghairmeadh e gu bhith 'n a Phriomh uachdaran air a mhor-roinn so. Mar Mhinisteir Fhoghluim bha e tri bliadhna deug fo ughdarras Mhr. Mowat, duine a choisinn spis agus earbsa an t-sluaigh, mar dhuine cir, ceart, curamach. Ri linn-san rinn an Rosach a' chuid bu mhotha 's bu doirbhe de obair mar Mhinisteir Fhoghluim. 'S e beachd a' chuid mhr an diugh gu'n do chuir e comharradh ionmholta a mhaireas iomadh la air sgoilean agus oil-thaighean na tre. Tha mi creidsinn g'um b' e an ni bu mhotha a rinn e fad a dhreuchd na h-oilthaighean a tharruing ri cheile ann an Toronto a' ceadachadh do dh'aon oil-thaigh laidir fs suas a'n ite ireamh de dh' fheadhainn lag a bhith strth airson am beatha. Nochd e mr thapachd air uairibh an cois a dhleasanais do na sgoilean. Tha Foghlum na duthcha so ln de dhoirbheachd; cha'n e gnothuch furasda a th'ann do neach air bith. S' dual d'a comhstrith rach,--Tha maighstirean sgoile, ministeirean, rd-ollaimh, oileanaich, 's an sluagh air fad, ioma-bheachdach, agus is dual do gach neach a bhith sparradh a bheachd fein air a' mhinisteir. Tha e nadurra gu'm biodh tuasaid, aimhreit, agus droch-fharachdainn ag eirigh 's a bualadh a' mhinisteir mar a ghaoith chreanndaidh earraich. B'e sin a' chis; agus tha e chum creideas an Rosaich gu' n d'fhuair e troimh sh bliadhna deug de'n stoirm le aodach sln air crann an eathair. Dh' fhaodadh neach innseadh a'n so, 'n am b'fheudar, mu chuid de na nithean dalma, curanta a rinn e, mu nithean a thug e gu buil mhaith an aghaidh luchd-strth, agus mu nithean a chum e air an ais, 's a bhac e gu tur, an aghaidh neirt luchd-tagraidh 's luchd-bagraidh chumhachdach a bhiodh ag iarraidh nithean nach bu chir daibh. Ach cha ruigear a leas sin a dheanamh. Sheasadh e roimh Mowat 's a cho luchd-riaghlaidh gun lbadh gln, 's cho daingean ri carraig, air taobh na crach, mar a chunnaic esan i. Tha so agam bho dhithis de cho-luchd-riaghlaidh a thug an teisteas dhomh gu robh e ghnth ag iarraidh an ni a bha ceart a dheanamh. Chaidh innseadh dhomh leis an rnair a bha comhladh ris r na s-bliadhna deug sin, nach d' fhalaich e riamh bho shil neach eile aon litir a fhuair e mar mhinisteir, air gnothaichean nan sgoil. Bha iad fosgailte do neach air bith aig an robh gnothuch r'an leughadh; air an doigh cheudna, cha robh ni 's am bith de obair a dh' iarr e a chleith bho chleireach no oifigeach a bha g'a chuideachadh. Cha b'urrainnear dearbhadh ni b' fhearr na so fhaotainn nach robh aobhar eagail aige gnothuichean coitchionn a dhreuchd fheuchainn do'n t-saoghal. An los a shaothair fhuair e urram na doctaireachd o oil-thaighean Naomh Aindreis, a'n Alba, na Ban-righinn, agus Toronto, ann an Canada. Ri linn mar Phriomh-fhear bha suidheachadh na mor-roinne so car trioblaideach. Bha na Liberals gle fhada air ceann na duthcha, 's bha na neoil a'cur sgaile throm air an iarmailt. An uair a ghabh an Rosach an stiir, cha 'n e mhin gu robh stoirm chunnartach a' cruinneachadh air gach taobh, ach bha'n soitheach fein sean, tulgach, eu-dionach. Cha robh riaghladh Mhowat aghartach gu bhi fosgladh suas na duthcha, no gu bhi cur air chois oibre mhra. Bha Mowat ro chrionta mu bhi cur am mach airgead air leasachadh na tre. Bha e 'n a shr fhear-lagha, cramach, faicilleach, ach cha robh sgonn ghnothuich air. Mar sin, bha moran nithean air am fgail gun deanamh, 's bha'n duthaich a' fulang o' n ghoirt. Bha Mr. Hardy, a lean Mowat, briste 'n a shlinte, ach beag fad a riaghlaidh, gun chomas moran a dheanamh. Bha'n duthaich ag eigheach am mach airson oibre, airson leasachadh crannchur, agus chuir an Rosach aodann an t-soithich, breite mar bha i, ri aghaidh gaoithe. Air a' chrsa b' iomadh tonn a bhuail oirre, b' iomadh oidhche, dhubh, neulach, dhorcha a sheas an ceannard air clr, b'iomadh uair bha'n combaist fa chomhair agus luaidhe ghrunn-aichidh teagamhach 'n a laimh; an drasda 's a rithis b' fheudar bhi teann ri ceann am fhuairidh, ach sheas e ite, ghleidh e 'n stiir, is shbhail e 'n luchd bh'air brd. Bha cuid de'n luchd so ro-luachmhor, mar a bha fosgladh suas Ontario-mu-thuath, agus an fhurtachd a thug e do dh'oibribh mora Chlergue aig Sault Ste. Marie, a shbhail iad o bhristeadh; agus am misneachadh a thug e do na cuideachdan a tha toirt cumhachd-dhealan a uisgean Niagara. Cho luath 's a ghabh e 'n laimh riaghladh Ontario chuir e am mach deich sgioba do'n taobh tuath a rannsachadh na duthcha o chrioch Chuibec gu Nepigon 's an iar. Fhuair iad sin a mach naduir agus gn na duthcha moire sin--gu'n robh moran fiodh luachmhor ann agus talamh beartach, torach a thogadh gach seorsa grn agus fhreumh airson bidh dhuine agus ainmhidh. Air dha so a bhith air a dheanamh soilleir dha, leag e rathad-iarruinn troimh 'n duthaich chum fhosgladh. A'n crsa na h-oibre fhuaireadh airgead agus cobalt a'm pailteas mhr, agus leis a so chaidh moran sluaigh gu tuath. A nis, tha r is airgead agus meinn eile a' toirt a staigh suim a tha dol gus na muileinean gach bliadhna; agus tha'n comhnard mr creadha a' gabhail a steach ceudan de theaghlaichean a tha faotainn dachaidhean a'n sin mar a fhuair na priomh luchd-aiteachaidh roimhe so ann an Ontario mu dheas. Buinidh cliu an euchd mhoir so do Sheoras Ros, ach cha 'n 'eil aon ite do'n duthaich r so ris am bheil ainm co-cheangailte mar chuimhneachan. Tha ainmean Latchford, Engelhardt, Matheson agus Cochrane gu h-rd urramach 's an taobh tuath, ach cha'n 'eil baile beag no mr, beann, sliabh, no sruth, air ainmeachadh air an duine a rnaich, a thisich, 's a thug gu buil, an obair o'n do shruth so uile. Ach am measg nan gnothaichean neo-dheanta a bha glaodhaich airson fuasglaidh, cha robh aon aig an am so cho buaireanta ri gnothaich na stuamachd, 's tha mi'n dil nach fheil aon chupan a dh'l an Rosach r a mhinisteirleachd a bha cho seirbh rithe so. Bha e air taobh na stuamachd fad a bheatha. Bha moran chairdean aige air an taobh cheudna, agus bha dochas aca gu'n seasadh e gu dileas leo. Air an aobhair sin feumar leudachadh car mionaid air a so. Ri linn Mhowat, gheall an duine sin do na Stuaimich gu'n deanadh e lagh an aghaidh a bhith deanamh deoch laidir ann an Ontario, no gu bhith g'a reic no g'a cheannach,--a'n goirid,--nach biodh malairt na dibhe air a cheadachadh 's a Mhor-roinn; 'n am biodh e air a dheanamh soilleir le rd-chuirt Lunnainn gu robh cumhachd aig Parlamaid Ontario lagh-bachdaidh de'n t-seorsa sin a dheanamh. Rinn ard-chuirt Lunnainn soilleir gu robh an cumhachd so aig Parlamaidean Mor-roinnean Chanada, ann an cuis Mhanitoba, agus bha duil aig Stuaimich Ontario an lagh-bachdaidh fhaotainn. Ach mu'n d' thainig breith Lunnainn a mach, chaidh Mowat gu Ottawa, agus lon Hardy ite ann an Toronto. Dh'ath-raich Hardy gealladh Mhowat, ach cha d'fhuair e cothrom a choimhlionadh. Lean Ros Hardy agus bha na Stuaimich a' cumail a mach gu robh esan cuideachd ceangailte le gealladh Mhowat agus Hardy. C'arson, ma ta, nach do choimhlion e an gealladh? 'Nam b' urrainnear a cheisd so fhuasgladh bheirte air falbh an smal a's duirche th'air cli Shir Seorais an digh. Tha mi 's an t-suidheachadh so,--gur urrainn domh mineachadh Shir Seorais fein a thoirt seachad. Chuir mi a cheisd ris la ann an Ottawa beagan is bliadhna roimhe so. 'S ann mar so a fhreagair e mi:--"Bha mise gu tur neo-chomasach air gealladh Mhowat agus Hardy a thoirt gu crich aig an am. Cha robh ni a bha ni b' fhaisge do m' chridhe, ach bha e do-dheanta. 'S a' cheud ite cha robh an gealladh air a thoirt leamsa ach le Mowat, agus an deigh sin le Hardy. Tha fhios agam gu'n do cheangail an gealladh sin co-riaghlairean Mhowat agus na Liberals, ach cha do cheangail e mise mar aon dhuine idir, do bhrigh nach b'e mise gu pearsanta a thug an gealladh. Nis, bha is tha mi de'n bheachd gu'm bu chir do na Liberals an gealladh a choimhlionadh, 's tha mi creidsinn gu'n dean iad sin fhathasd ma gheibh iad an cothrom,[1] ach an uair a dh' fheuch mise ri mo cho-riaghladairean 's mo luchd-taic de na Liberals a cho-eigneachadh gu lagh-bacaidh a thoirt a staigh, dhuilt iad calg-dhireach sin a dheanamh. Thairg mi mo dhreuchd a leagail sios, ach cha d' rinn sin feum. Cha robh mi riamh de'n bheachd gu robh e ceart do dh--uachdran sam bith a bharail fein a spadadh air muinntir eile an aghaidh an toil. Rinn mise na b' urrainn mi, ach cha robh cumhachd agam daoine a bha neo-thoileach a dheanamh toileach a dhol leam. Cha 'n e mise bu chir an uallach so a ghiulain, ach na daoine a dhiult 's a chum air ais mi 's a' chis. Tha mi deonach mo chuibhrionn dligheach de'n choire a ghabhail orm fein, ach faodas tu so a chreidsinn, cha'n e mise bu choireach. Tha iad ag radh nach d'rinn mi mar a rinn Alasdair MacCoinnich mu chise-marsantachd na duthcha. Tha diurras mhor eadar an da chuis. Sheas a chuid mhor do chuideachd Mhic-Coinnich leis-san; cha d'rinneadh sin leam-sa. A bharrachd air sin, cha b' e cis choguis, ach cis beo-shlainte ris an robh aig MacCoinnich ri dheanamh. Bha e ro dhiorrasach, ro rag 'na bheachd; cha robh cir no ceart aige feuchainn ri thoil fhein fhaotainn 'dheoin no dh' aindheoin, 'n uair bha 'n duthaich dol fs cion don. Cha 'n 'eil an cir so aig duine 's am bith 's an t-saoghal. Chaidh an la seachad anns am faigh riaghladair a thoil fhein neo-air-thaing do chch. Faodaidh duine tha saor o dhreuchd a bheachdan fein a bhi aige, ach ann an duthaich a tha fo shaor riaghlaidh, 's e toil an t-sluaigh, cha'n e toil an uachdarain is cir a dheanamh." [Footnote 1: Dh' fheuch iad ri sin a dheanamh 's an Taghadh a'n 1914.] Dh' fhiosraich mi fein a' chis gu ro-mhionaideach, 's tha mi smuaineachadh nach urrainn a' mhor-chuid de na Liberals clach a thilgeil air a chli, 's an ni so. Tha mi creidsinn mar theid uine seachad gu'n tig an fhior chor gu solus, 's nach bi cin throm ri phaidheadh le 'dheagh-chli. Bha e air a radh gu'n d'fhan e ro fhada air ceann an riaghlaidh. Tha mi creidsinn gu'n d'fhan. Tha mi creidsinn gu'm fac' e caochladh a' tighinn air earbsa an t-sluaigh, 's 'nan robh e saor, nach fhanadh e a'n cumhachd cho fada 's a dh' fhan e. Ach mar thuirt e fein: "Cha b' ann leamsa na Liberals b'ann leosan mise. Bha mi 'n am Phriomhfhear, ach b' ann mar rd-sheirbhiseach, cha b' ann mar Impire na-Gearmailt." Chaidh e 's a' chis so, reir comhairle, cha b' ann a reir a bheachd fhein. An uair a chaidh e do'n duthaich air an trth mu dheireadh cha robh traoghadh air a mhisneachd no air a threuntachd. Dh' fhoillsich e cridhe an leoghain 's a' chath. Bha a bhuadhan air an lasadh le teine 'mhac-mheamna, agus shoillsich a bhriathrachas dubhachas deistinneach na comhstrith mar dhealraicheas dearrsadh gealaich an fhogharaidh dubhar na h-oidhche. Bu shluagh mr na Ceiltich 's an am a thriall, 's cha do chaill iad buaidh fola an sinnsearan fhathasd. Cha b' e gn an fhior Ghaidheil teicheadh roimh namhaid; "Oir geill cha tug Camashronach riamh"; geill riamh cha d'thug clanna Chuinn Cheud-chathach, no siol Olghair nan Lann, no sliochd Chabarfeigh, no clann Diarmaid O'Duinn, d'an suaicheantas ceann an tuirc; mar sinn nam fineachan eile, na Rosaich nam measg, 's cha bu dual gu'n leagadh Sir Seoras sios a shleagh 's e be. 'S an taghadh so sheas e a chis, ach beag, 'na aonar, air beulaibh an t-sluaigh. Cha robh moran de mhaithibh a thaobh fein maille ris air chuairt. Bha coinneamh an deidh coinneimh aige air feadh na tre air fad, 's ged bha'n sluagh a' tuiteam air falbh bhuaith cha do chaisg e aon oidheirp, nior robh coltas sgths air an t-seann each cogaidh no air a mharcaiche. Thuit e mar thuit na ceudan, ach thuit e 's a' bhlr, le aghaidh ris an namhaid. Ann an seomair na Parlamaid bha a thlachd ann an gleadhraich nan teanga. Bha e geur sgaiteach 'n a bhriathran,--"ealamh, ullamh, aigeannach," mar tha'n duan. An uair bhiodh deasbud mr air lom, bha e dna, colganta, rd-bhriathrach. Bha e'n sin 'na ln eileamaid; mar shaighdear 's a' chogadh, le claidheamh liobharach chinn Ilich 'na dhrn, a teumadh, a beumadh, 's a bearnadh am bac baidealach ri aghaidh air taobh eile na cis. Bha gniomh an fhir-chlis aige agus cleas an gatha-builg. Cha robh aon innleachd an fhir-labhairt air nach robh e 'na mhaighstir, 's b' ainneamh an t-am nach do choisinn e rd dhuais an fhir-thagair. Thubhairt mi gu robh e coibhneil do'n bhochd agus foidhidneach fo thrioblaid. Mar dhuine bochd e fein bha bigh aige do na bochdan agus bha a lamh 'n a sporran gu minic. Airson moran bhliadhnaichean fhuiling e pin is doruinn leis a ghreim-lnaidh a bha nimheil is cruaidh ri ghiulan. Ach bha fhoidhidinn fo'n eucail so ro-iongantach. Bha e tiorail, blath-chridheach 'n a theaghlach agus ri aghaidh dhaoine. Agus an uair a bha neach 's am bith comhradh ris bha e cuirteil, eireachdail, mar gu'm bu phrionns' a bhiodh ann. Mar Ghaidheal bha e ln-inntinneach, dileas agus fialaidh. Bha e deidheil air a' Ghaidhlig agus air eachdraidh na Gaidhealtachd air an robh e mion-eolach. Bha e priseal mu na rinn na Gaidheil do Chanada; agus beagan mhiosan mu'n do chaochail e dh' iarr e orm a chuideachadh gu comunn de chlann Rois a chur air chois ann am America. Chaidh so dheanamh agus chaidh e fein a thaghadh air an ceann. Bu toil leis a bhi cluinntinn 's a bhi comhradh mu na Gaidheil, agus bha tlachd aige a bhith 'n am measg. "A chuid de Phras dha." 'S fhada mu'n tig an latha air nach bi ainm air a mholadh am measg a cho-luchd-duthcha ann an Canada. Transcriber's Notes Hyphenation, spelling and grammar have been preserved as in the original with the following exceptions. Page 3, An deidh na sthe fhuair ==> An deidh na sthe fhuair Page 3, Shoirbhich leo is dh' fhs ==> Shoirbhich leo is dh'fhs Page 7, Mar a dh-fhs e suas chaidh ==> Mar a dh'fhs e suas chaidh Page 7, air a' bheurla Shasunnach ==> air a' Bheurla Shasunnach Page 11, bhth e'n cmp. ==> bhth e'n camp. Page 18, tighinn dha na thr ==> tighinn dha na thri Page 23, a bheurla Shasunnach ==> a Bheurla Shasunnach Page 29, Tearlach MacCoinnich. ==> Terlach MacCoinnich. Page 31, 'Sa bhliadhua so--1867 ==> 'Sa bhliadhna so--1867 Page 34, gu bhi riagladh thairis ==> gu bhi riaghladh thairis Page 34, Dh' fhs an cirdeas ==> Dh'fhs an cirdeas Page 46, so a dh-obraich cho ==> so a dh'obraich cho Page 54, dh--uachdran sam bith ==> dh'uachdran sam bith End of the Project Gutenberg EBook of Gearr-sgeoil air Sir Seoras Uilleam Ross, by Alexander Fraser License: Share Alike